Cha tug thusa dhomh pòg: ach o thàinig ise a‑steach, cha do sguir i a phògadh mo chas.
Agus phòg Iàcob Rachel, agus thog e suas a ghuth agus ghuil e.
Agus ruith Esau na choinneamh, agus ghabh e na ghlacan e, agus thuit e air a mhuineal, agus phòg e e: agus ghuil iad.
Agus nuair a thigeadh duine sam bith am fagas dha a dhèanamh ùmhlachd dha, chuireadh e a‑mach a làmh, agus bheireadh e air, agus phògadh e e.
Agus chaidh an sluagh uile thar Iòrdan, agus chaidh an rìgh thairis: agus phòg an rìgh Barsillai, agus bheannaich e e; agus thill e da àite fhèin.
A‑nis bha an tì a bhrath esan air tabhairt comharraidh dhaibh, ag ràdh, Ge bè neach a phògas mise, is e sin e; dèanaibh greim air.
Cuiribh fàilte air a chèile le pòig naoimh. Tha eaglaisean Chrìosd a’ cur fàilte oirbh.
Tha na bràithrean uile a’ cur fàilte oirbh. Cuiribh-se fàilte air a chèile le pòig naoimh.
Agus athraichean, na brosnaichibh ur clann a‑chum feirge: ach togaibh iad ann an oilean agus ann an teagasg an Tighearna.
Cuiribh fàilte air na bràithrean uile le pòig naoimh.