Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 7:44

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air tionndadh ris a’ mhnaoi, thubhairt e ri Sìmon, Am faic thu a’ bhean seo? Thàinig mi a‑steach dod thaigh, cha tug thu dhomh uisge airson mo chas; ach dh’ionnlaid ise mo chasan le deòir, agus thiormaich i iad le falt a cinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Thugar an seo, guidheam oirbh, beagan uisge, agus ionnlaidibh ur casan, agus leigibh ur n‑anail fon chraoibh;

Agus thubhairt e, Feuch a‑nis, mo thighearnan, tionndaidhibh a‑steach, guidheam oirbh, do thaigh ur seirbhisich, agus fanaibh rè na h‑oidhche, agus ionnlaidibh ur casan, agus èiridh sibh gu moch, agus thèid sibh air ur turas. Agus thubhairt iad, Chan eadh, ach fanaidh sinn air an t‑sràid rè na h‑oidhche.

Agus thug an duine na daoine a‑steach do thaigh Iòseiph, agus thug e uisge dhaibh, agus nigh iad an casan, agus thug e biadh dan asail.

Agus thubhairt Daibhidh ri Uriah, Imich sìos dod thaigh, agus nigh do chasan. Agus chaidh Uriah a‑mach à taigh an rìgh, agus chuireadh na dhèidh lòn bìdh on rìgh.

Agus sheas i aig a chasan air a chùlaibh a’ gul, agus thòisich i air a chasan a fhliuchadh le a deòir, agus thiormaich i iad le falt a cinn, agus phòg i a chasan, agus dh’ung i leis an ola iad.

Agus fhreagair Sìmon agus thubhairt e, Is i mo bharail gur e an neach as mò don do mhaith e. Agus thubhairt e ris, Is ceart a thug thu breith.

Na dhèidh sin, thaom e uisge ann an soitheach-ionnlaid, agus thòisich e air casan nan deisciobal ionnlad, agus an tiormachadh leis an làmh-anart a bha ceangailte uime.

Air a bheil teisteas a‑thaobh dheagh obraichean; ma thog i clann, ma thug i aoidheachd seachad, ma dh’ionnlaid i casan nan naomh, ma dh’fhòir i air luchd-àmhghair, ma lean i gu dìcheallach gach deagh obair.

Ach thug sibhse masladh don bhochd. Nach eil na daoine saoibhir ri aintighearnas oirbh, agus gur tarraing gu cathraichean-breitheanais?

Agus thug e a‑steach e da thaigh, agus thug e innlinn do na h‑asail: agus nigh iad an casan, agus dh’ith agus dh’òl iad.

Agus dh’èirich i, agus chrom i i fhèin air a h‑aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn, agus thubhairt i, Feuch, biodh do bhanoglach na h‑innilt a nighe casan seirbhisich mo thighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan