Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 7:41

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bha aig fear-fiachan àraidh dithis a dh’fhèichneinean: bha aige air aon fhear còig ceud pèighinn, agus air an fhear eile lethcheud.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Mar seo deir an Tighearna, Càit a bheil litir-dhealachaidh ur màthar a chuir mise uam? No cò e am measg mo luchd-fiacha ris an do reic mi sibh? Feuch, airson ur dò‑bheairtean tha sibh air ur reic; agus airson ur n‑euceartan chuireadh air falbh ur màthair.

Uime sin thubhairt Iehòbhah rium; Is mò a dh’fhìreanaich Israel chùl-sleamhnach i fhèin na Iùdah chealgach.

Dh’eug ar n‑athair anns an fhàsach, agus cha robh e ann an cuideachd na muinntir a chruinnich iad fhèin ri chèile an aghaidh an Tighearna ann an cuideachd Chorah, ach dh’eug e na pheacadh fhèin; agus cha robh mic sam bith aige.

Ach nuair a chaidh an seirbhiseach sin fhèin a‑mach, fhuair e aon de a cho-sheirbhisich air an robh aige ceud pèighinn: agus chuir e làmh ann, agus rug e air sgòrnan air, ag ràdh, Ioc dhomh na bheil agam ort.

Agus maith dhuinn ar fiachan, amhail a mhaitheas sinne dar luchd-fiach.

Ach fhreagair esan agus thubhairt e riu, Thugaibh-se dhaibh ra ithe. Agus thubhairt iadsan ris, An tèid sinn agus an ceannaich sinn luach dà cheud pèighinn de aran, a‑chum gun tugamaid dhaibh nì ra ithe?

Agus maith dhuinn ar peacaidhean: oir tha sinne fhèin a’ maitheadh do gach aon air a bheil fiachan againn. Agus na leig ann am buaireadh sinn, ach saor sinn on olc.

Ach an tì do nach b’aithne, agus a rinn nithean a b’airidh air buillean, buailear esan le beagan bhuillean. Oir gach neach don tugadh mòran, iarrar mòran uaithe: agus ge bè rin d’earbadh mòran, iarrar an tuilleadh air.

No na h‑ochd-fir-dheug sin air an do thuit an tùr ann an Silòam, agus a mharbh iad, an saoil sibh gu robh iadsan nam peacaich os cionn nan uile dhaoine a bha nan còmhnaidh ann an Ierusalem?

Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e ris, A Shìmoin, tha nì agam ri ràdh riut. Agus thubhairt esan, A Mhaighistir, abair e.

Uime sin tha mi ag ràdh riut gu bheil a peacaidhean, a tha lìonmhor, air am maitheadh; air an adhbhar sin ghràdhaich i gu mòr: ach ge bè neach dom maithear beagan, bidh a ghràdh beag.

Oir pheacaich na h‑uile, agus tha iad air teachd geàrr air glòir Dhè:

Ach thàinig an lagh a‑steach, a‑chum gum meudaichte an cionta: ach far an do mheudaicheadh am peacadh, bu ro‑mhò a mheudaicheadh gràs:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan