Lùcas 7:40Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e ris, A Shìmoin, tha nì agam ri ràdh riut. Agus thubhairt esan, A Mhaighistir, abair e. Faic an caibideil |
Bheir mac onair da athair, agus seirbhiseach da mhaighistir; mas athair mise, matà, càit a bheil m’onair? Agus mas maighistir mi, càit a bheil m’eagal? tha Tighearna nan sluagh ag ràdh ribhse, O shagartan a tha a’ dèanamh tàire air m’ainm-sa; agus tha sibh ag ràdh, Ciod anns an do rinn sinne tàir air d’ainm?