Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 7:38

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus sheas i aig a chasan air a chùlaibh a’ gul, agus thòisich i air a chasan a fhliuchadh le a deòir, agus thiormaich i iad le falt a cinn, agus phòg i a chasan, agus dh’ung i leis an ola iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

25 Iomraidhean Croise  

Thugar an seo, guidheam oirbh, beagan uisge, agus ionnlaidibh ur casan, agus leigibh ur n‑anail fon chraoibh;

A‑nis nuair a rinn Esra ùrnaigh, agus a dh’aidich e, a’ gul, agus ga thilgeadh fhèin sìos fa chomhair taigh Dhè, chruinnich da ionnsaigh à Israel co‑chruinneachadh ro‑mhòr de fhir, agus de mhnathan, agus de chloinn: oir ghuil an sluagh gu mòr.

Oir aidichidh mi m’euceart; bidh mi duilich airson mo pheacaidh.

Is iad ìobairtean Dhè spiorad briste; air cridhe briste agus brùite, a Dhè, cha dèan thusa tàir.

Biodh d’earradh anns gach àm geal; agus na biodh dìth ola-ungaidh air do cheann.

Airson fàile cùbhraidh is math d’ola-ungaidh-sa: is ola-ungaidh air a dòrtadh d’ainm; uime sin ghràdhaich na h‑òighean thu.

Agus chaidh thu a dh’amharc an rìgh le ola-ungaidh, agus mheudaich thu do bholtraichean; agus chuir thu do theachdairean am fad, agus dh’ìslich thu thu fhèin eadhon gus an uaigh.

A dh’òrdachadh do luchd-caoineadh Shioin, a thoirt dhaibh maise an àite luaithre, ola aoibhneis an àite bròin, èideadh molaidh an àite spiorad airtneil; a‑chum gun goirte dhiubh craobhan fìreantachd, a shuidhich an Tighearna air sgàth a ghlòire.

Thig iad le gul, agus le caomhalachd nì mise an treòrachadh; treòraichidh mi iad ri taobh nan sruthan uisge, air slighe rèidh, far nach faigh iad tuisleadh; oir tha mise ann am athair do Israel; agus Ephraim, is esan mo chiad-ghin.

Uime sin a‑nis mar an ceudna, tha an Tighearna ag ràdh, tillibh am ionnsaigh-sa le ur n‑uile chridhe, agus le trasg, agus le gul, agus le caoidh.

Agus dòirtidh mi air taigh Dhaibhidh, agus air luchd-àiteachaidh Ierusaleim, spiorad nan gràs agus nan athchuingean, agus amhaircidh iad airsan a lot iad, agus nì iad caoidh air a shon, mar a chaoidheas duine airson a aon mhic: agus bidh an doilgheas air a shon mar dhoilgheas airson ciad-ghin.

Is beannaichte iadsan a tha ri bròn: oir gheibh iad sòlas.

Agus chaidh Peadar a‑mach, agus ghuil e gu goirt.

Is beannaichte sibhse a tha acrach a‑nis; oir sàsaichear sibh. Is beannaichte sibhse a tha a’ caoidh a‑nis: oir gàiridh sibh.

Agus, feuch, nuair a fhuair bean anns a’ bhaile, a bha na peacach, fios gu robh e na shuidhe aig biadh ann an taigh an Pharasaich, thug i leatha bocsa alabastair làn de ola chùbhraidh.

Agus nuair a chunnaic am Pharasach, a thug cuireadh dha, seo, labhair e ann fhèin, ag ràdh, Nam b’fhàidh an duine seo, bhiodh fhios aige cò i a’ bhean seo a tha a’ beantainn ris, agus ciod as gnè dhi; oir is peacach i.

(B’i a’ Mhuire sin a dh’ung an Tighearna le ola luachmhoir, agus a thiormaich a chasan le a falt, aig an robh a bràthair Làsaras gu tinn.)

Bithibh ann an àmhghar, agus dèanaibh caoidh, agus gul: biodh ur gàire air a thionndadh gu bròn, agus ur n‑aoibhneas gu tùirse.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan