Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 7:36

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’iarr duine àraidh de na Pharasaich air gun itheadh e biadh maille ris. Agus chaidh e a‑steach do thaigh an Pharasaich, agus shuidh e sìos a‑chum bìdh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus a’ labhairt dhàsan, dh’iarr Pharasach àraidh air a dhìnnear a ghabhail maille ris: agus chaidh e a‑steach, agus shuidh e a‑chum bìdh.

Agus thàrladh, an tràth a chaidh e gu taigh uachdarain àraidh de na Pharasaich a dh’ithe bìdh air là na sàbaid, gu robh iad a’ dèanamh geur-fhaire air.

Thàinig Mac an Duine ag ithe agus ag òl; agus their sibh, Feuch duine geòcach agus pòitear fìona, caraid chìs-mhaor agus pheacach.

Ach tha gliocas air a fìreanachadh le a cloinn uile.

Agus, feuch, nuair a fhuair bean anns a’ bhaile, a bha na peacach, fios gu robh e na shuidhe aig biadh ann an taigh an Pharasaich, thug i leatha bocsa alabastair làn de ola chùbhraidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan