Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 7:35

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach tha gliocas air a fìreanachadh le a cloinn uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Carson a tha luach ann an làimh amadain a dh’fhaotainn gliocais, agus e gun rùn aige?

Cò a tha glic, agus tuigidh esan na nithean seo? Crìonna, agus aithnichidh e iad? Oir tha slighean an Tighearna ceart, agus gluaisidh na fìreanan annta: ach gheibh na ciontaich tuisleadh annta.

Thàinig Mac an Duine ag ithe agus ag òl, agus tha iad ag ràdh, Feuch, duine geòcach agus pòitear fìona, caraid chìs-mhaor agus pheacach: ach tha gliocas air a fìreanachadh le a cloinn.

Agus dh’fhìreanaich am poball uile a chuala e, agus na cìs-mhaoir, Dia, air dhaibh a bhith air am baisteadh le baisteadh Eòin.

Thàinig Mac an Duine ag ithe agus ag òl; agus their sibh, Feuch duine geòcach agus pòitear fìona, caraid chìs-mhaor agus pheacach.

Agus dh’iarr duine àraidh de na Pharasaich air gun itheadh e biadh maille ris. Agus chaidh e a‑steach do thaigh an Pharasaich, agus shuidh e sìos a‑chum bìdh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan