Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 7:34

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Thàinig Mac an Duine ag ithe agus ag òl; agus their sibh, Feuch duine geòcach agus pòitear fìona, caraid chìs-mhaor agus pheacach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Thàinig Mac an Duine ag ithe agus ag òl, agus tha iad ag ràdh, Feuch, duine geòcach agus pòitear fìona, caraid chìs-mhaor agus pheacach: ach tha gliocas air a fìreanachadh le a cloinn.

Oir ma bhios gràdh agaibh don mhuinntir aig a bheil gràdh dhuibh, ciod an duais a gheibh sibh? Nach eil eadhon na cìs-mhaoir a’ dèanamh an nì cheudna?

Agus nuair a chunnaic na Pharasaich seo, thubhairt iad ra dheisciobail, Carson a dh’itheas ur Maighistir-se maille ri cìs-mhaoir agus ri peacaich?

Agus a’ labhairt dhàsan, dh’iarr Pharasach àraidh air a dhìnnear a ghabhail maille ris: agus chaidh e a‑steach, agus shuidh e a‑chum bìdh.

Agus thàrladh, an tràth a chaidh e gu taigh uachdarain àraidh de na Pharasaich a dh’ithe bìdh air là na sàbaid, gu robh iad a’ dèanamh geur-fhaire air.

Agus rinn na Pharasaich agus na sgrìobhaichean gearan, ag ràdh, Tha am fear seo a’ gabhail pheacach da ionnsaigh, agus ag ithe maille riu.

Agus nuair a chunnaic iad seo, rinn iad uile gearan, ag ràdh gun deachaidh e a‑steach air aoidheachd gu duine a tha na pheacach.

Agus rinn Lèbhi fèisd mhòr dha na thaigh fhèin: agus bha cuideachd mhòr de chìs-mhaoir, agus de mhuinntir eile a shuidh maille riu.

Oir thàinig Eòin Baistidh, chan ann ag ithe arain, no ag òl fìona; agus their sibh, Tha deamhan aige.

Ach tha gliocas air a fìreanachadh le a cloinn uile.

Agus dh’iarr duine àraidh de na Pharasaich air gun itheadh e biadh maille ris. Agus chaidh e a‑steach do thaigh an Pharasaich, agus shuidh e sìos a‑chum bìdh.

Uime sin rinn iad suipear dha an sin; agus bha Marta a’ frithealadh: ach bha Làsaras na aon dhiubhsan a shuidh aig bòrd maille ris.

Agus fhuair Iosa mar an ceudna agus a dheisciobail cuireadh a‑chum a’ phòsaidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan