Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 7:33

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir thàinig Eòin Baistidh, chan ann ag ithe arain, no ag òl fìona; agus their sibh, Tha deamhan aige.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Is leòr don deisciobal a bhith mar a mhaighistir, agus don t‑seirbhiseach a bhith mar a thighearna: ma ghoir iad Beelsebub de fhear an taighe, nach mò na sin a ghoireas iad e de a mhuinntir?

Agus anns na làithean sin thàinig Eòin Baistidh, a’ searmonachadh ann am fàsach Iudèa,

Agus bha a’ chulaidh aig Eòin de fhionnadh chàmhal, agus crios leathair aige timcheall a leasraidh; agus is e bu bhiadh dha lòcaist agus mil fhiadhaich.

Agus bha Eòin air èideadh le fionnadh chàmhal, agus crios leathair ma leasraidh; agus bu bhiadh dha lòcaist agus mil fhiadhaich.

Oir bidh e mòr an làthair an Tighearna, agus chan òl e fìon no deoch làidir; agus bidh e air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, eadhon o bhroinn a mhàthar.

Tha iad cosmhail ri cloinn a tha nan suidhe anns a’ mhargadh, agus a dh’èigheas ri chèile, ag ràdh, Rinn sinne pìobaireachd dhuibhse, agus cha do rinn sibhse dannsa: rinn sinne tuireadh dhuibhse, agus cha do rinn sibhse gul.

Thàinig Mac an Duine ag ithe agus ag òl; agus their sibh, Feuch duine geòcach agus pòitear fìona, caraid chìs-mhaor agus pheacach.

Agus thubhairt mòran dhiubh, Tha deamhan aige, agus tha e air bhoil; carson a tha sibh ag èisdeachd ris?

An sin fhreagair na h‑Iùdhaich, agus thubhairt iad ris, Nach math a thubhairt sinn gur Samaritanach thu, agus gu bheil deamhan agad?

An sin thubhairt na h‑Iùdhaich ris, A‑nis tha fhios againn gu bheil deamhan agad. Fhuair Abrahàm bàs, agus na fàidhean; gidheadh tha thusa ag ràdh, Ma choimheadas duine m’fhacal-sa, cha bhlais e bàs am feasd.

Ach thubhairt dream eile a’ fanaid, Tha na daoine seo làn de fhìon ùr.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan