Cionnas a their sibh, Tha sinn glic, agus tha reachd an Tighearna nar measg? Feuch, gu deimhinn is dìomhanas obair na cleit-sgrìobhaidh, chan eil anns na sgrìobhaichean ach dìomhanas.
A Ierusaleim, a Ierusaleim, a mharbhas na fàidhean, agus a chlachas an dream a chuirear ad ionnsaigh: cia minig a b’àill leam do chlann a chruinneachadh, mar a chruinnicheas cearc a h‑àlach fo a sgiathan, agus cha b’àill leibh!
Anns an d’fhuair sinne mar an ceudna oighreachd, air dhuinn a bhith air ar ro‑òrdachadh a rèir rùn an tì a tha ag obrachadh nan uile nithean a rèir comhairle a thoile fhèin;