Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 7:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’fhìreanaich am poball uile a chuala e, agus na cìs-mhaoir, Dia, air dhaibh a bhith air am baisteadh le baisteadh Eòin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Ad aghaidh, ad aghaidh fhèin a‑mhàin pheacaich mi, agus rinn mi olc ad shealladh, air chor is gum fìreanaichear thusa nuair a labhras tu, gum bi thu glan nuair a bheir thu breith.

Oir ma bhios gràdh agaibh don mhuinntir aig a bheil gràdh dhuibh, ciod an duais a gheibh sibh? Nach eil eadhon na cìs-mhaoir a’ dèanamh an nì cheudna?

Ach ma their sinn, O dhaoine, clachaidh an sluagh uile sinn; oir is deimhinn leo gum b’fhàidh Eòin.

Agus thàinig mar an ceudna cìs-mhaoir gu bhith air am baisteadh, agus thubhairt iad ris, A Mhaighistir, ciod a nì sinne?

Oir tha mi ag ràdh ribh, Nam measg-san a rugadh le mnathan, chan eil fàidh as mò na Eòin Baistidh: gidheadh an tì as lugha ann an rìoghachd Dhè, is mò e na esan.

Ach tha gliocas air a fìreanachadh le a cloinn uile.

Bha an duine seo air a theagasg ann an slighe an Tighearna; agus air dha a bhith dian na spiorad, labhair agus theagaisg e gu dìcheallach na nithean a bhuineadh don Tighearna, agus gun eòlas aige ach air baisteadh Eòin.

Agus thubhairt e riu, Ciod mas eadh anns an do bhaisteadh sibh? Agus thubhairt iadsan, Ann am baisteadh Eòin.

Oir air dhaibh a bhith aineolach air fìreantachd Dhè, agus ag iarraidh am fìreantachd fhèin a chur air chois, cha do strìochd iad do fhìreantachd Dhè.

Agus tha iad a’ seinn òran Mhaois, òglach Dhè, agus òran an Uain, ag ràdh, Is mòr, agus is iongantach d’obraichean, a Thighearna Dhè uile-chumhachdaich; is ceart agus is fìor do shlighean-sa, a Rìgh nan naomh.

Agus chuala mi aingeal nan uisgeachan ag ràdh, Is cothromach thusa, O Thighearna, a tha, agus a bha, agus a bhitheas, do bhrìgh gun tug thu breith air an dòigh seo:

Agus thubhairt Adoni-besec, Thionail trì-fichead agus deich rìghrean, aig an robh òrdagan an làmh agus an cas air an gearradh dhiubh, am biadh fom bhòrd-sa: mar a rinn mi, mar sin dhìol Dia orm. Agus thug iad e gu Ierusalem, agus fhuair e bàs an sin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan