Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 7:28

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir tha mi ag ràdh ribh, Nam measg-san a rugadh le mnathan, chan eil fàidh as mò na Eòin Baistidh: gidheadh an tì as lugha ann an rìoghachd Dhè, is mò e na esan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, nam measg-san a rugadh le mnathan, nach d’èirich neach as mò na Eòin Baistidh: gidheadh, an tì sin as lugha ann an rìoghachd nèimh, is mò e na esan.

Agus anns na làithean sin thàinig Eòin Baistidh, a’ searmonachadh ann am fàsach Iudèa,

Fhreagair Eòin, ag ràdh riu uile, Tha mise gu dearbh gur baisteadh le uisge; ach tha neach a’ teachd as cumhachdaiche na mise, agus chan airidh mise air barr-iall a bhròg fhuasgladh: baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine;

Is e seo an tì mum bheil e sgrìobhte, Feuch, cuiridh mi mo theachdaire rod ghnùis, a dh’ullaicheas do shlighe romhad.

Agus dh’fhìreanaich am poball uile a chuala e, agus na cìs-mhaoir, Dia, air dhaibh a bhith air am baisteadh le baisteadh Eòin.

Agus thubhairt e riu, Ge bè a ghabhas ris an leanabh seo ann am ainm-sa, tha e a’ gabhail riumsa: agus ge bè neach a ghabhas riumsa, tha e a’ gabhail ris an tì a chuir uaithe mi: oir an neach as lugha nur measg-se uile, bidh esan mòr.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan