Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 7:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach ciod e an nì a chaidh sibh a‑mach a dh’fhaicinn? An e duine air a sgeadachadh ann an aodach mìn? Feuch, iadsan a tha sgeadaichte le aodach rìomhach, agus a’ caitheamh am beatha gu sòghail, is ann an cùirtean nan rìghrean a tha iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Tha mi an‑diugh ceithir-fichead bliadhna a dh’aois: an urrainn mise aithneachadh eadar math agus olc? An urrainn do sheirbhiseach na dh’itheas no na dh’òlas mi a bhlasad? An urrainn mise tuilleadh guth fhear agus bhan a sheinneas a chluinntinn? Carson matà a bhiodh do sheirbhiseach fhathast na èire air mo thighearna an rìgh?

Agus biadh a bhùird, agus suidhe a sheirbhiseach, agus feitheamh a luchd-frithealaidh, agus an trusgan, agus a ghillean-cupain, agus a dhol suas air an deachaidh e suas gu taigh an Tighearna, cha robh spiorad innte nas mò.

Agus thubhairt iadsan ris, Duine molach, agus e crioslaichte le crios leathair ma leasraidh. Agus thubhairt esan, Is e Eliah an Tisbitheach a bha ann.

Bhasti a’ bhànrighinn a thoirt an làthair an rìgh leis a’ chrùn rìoghail, a nochdadh don t‑sluagh agus do na h‑uachdarain a sgèimhe; oir bha i maiseach ri amharc oirre.

Anns an treas bliadhna de a rìoghachadh, rinn e cuirm da uachdarain uile, agus da sheirbhisich; agus cumhachd Phersia agus Mhedia, àrd-uaislean agus uachdarain nam mòr-roinn na làthair;

Agus thàinig e eadhon fa chomhair geata an rìgh: oir chan fhaodadh neach air bith dol a‑steach do gheata an rìgh le sac-aodach air.

A‑nis an treas là chuir Ester oirre a culaidh rìoghail, agus sheas i anns a’ chùirt a b’fhaide a‑staigh de thaigh an rìgh, fa chomhair taigh an rìgh: agus bha an rìgh na shuidhe air a rìgh-chathair anns an taigh rìoghail, fa chomhair geata an taighe.

Agus chaidh Mordecai a‑mach à làthair an rìgh ann an aodach rìoghail de ghorm agus de gheal, agus le crùn mòr òir, agus le trusgan de anart grinn agus de chorcar: agus rinn baile Shusain gàirdeachas, agus bha e aoibhinn.

Agus chuir e uime fìreantachd mar uchd-èideadh; agus clogad na slàinte air a cheann; agus chuir e uime trusgan an dìoghaltais mar aodach, agus chòmhdaich e e fhèin le eud mar le fallaing.

Ach ciod e an nì a chaidh sibh a‑mach a dh’fhaicinn? An e duine air a sgeadachadh ann an aodach mìn? Feuch, a’ mhuinntir a chaitheas aodach mìn, is ann an taighean nan rìghrean a tha iad.

Agus bha a’ chulaidh aig Eòin de fhionnadh chàmhal, agus crios leathair aige timcheall a leasraidh; agus is e bu bhiadh dha lòcaist agus mil fhiadhaich.

Gidheadh tha mise ag ràdh ribh nach robh Solamh fhèin na uile ghlòir air èideadh mar aon dhiubh seo.

Bha duine saoibhir àraidh ann, a bha air a sgeadachadh le purpar agus lìon-aodach grinn, agus bha e a’ caitheamh a bheatha gach là gu sòghail le mòr-ghreadhnachas:

Agus nuair a dh’fhalbh teachdairean Eòin, thòisich e air labhairt ris an t‑sluagh mu thimcheall Eòin, Ciod an nì a chaidh sibh a‑mach don fhàsach a dh’fhaicinn? An i cuilc air a crathadh le gaoith?

Ach ciod e an nì a chaidh sibh a‑mach a dh’fhaicinn? An e fàidh? Seadh, tha mi ag ràdh ribh, agus nas mò na fàidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan