Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 7:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a dh’fhalbh teachdairean Eòin, thòisich e air labhairt ris an t‑sluagh mu thimcheall Eòin, Ciod an nì a chaidh sibh a‑mach don fhàsach a dh’fhaicinn? An i cuilc air a crathadh le gaoith?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Neo-sheasmhach mar uisge, cha toir thu barrachd, do bhrìgh gun deachaidh tu suas do leabaidh d’athar; an sin thruaill thu i; chaidh e suas dom uirigh.

Agus dh’fhàs an leanabh, agus neartaicheadh ann an spiorad e, agus bha e anns an fhàsach gu là a fhoillseachaidh do Israel.

Nuair a bha Annas agus Caiaphas nan àrd-shagartan, thàinig facal Dhè a‑chum Eòin, mac Shachariais, anns an fhàsach.

Agus is beannaichte esan nach faigh oilbheum annamsa.

Ach ciod e an nì a chaidh sibh a‑mach a dh’fhaicinn? An e duine air a sgeadachadh ann an aodach mìn? Feuch, iadsan a tha sgeadaichte le aodach rìomhach, agus a’ caitheamh am beatha gu sòghail, is ann an cùirtean nan rìghrean a tha iad.

Thubhairt e, Is mise guth an tì a ghlaodhas anns an fhàsach, Dèanaibh dìreach slighe an Tighearna, mar a thubhairt am fàidh Esaias.

A‑chum is nach bi sinn à seo suas nar leanaban, air ar tonn-luasgadh, agus air ar giùlan mun cuairt leis gach uile ghaoith teagaisg, le cleasachd dhaoine, agus seòltachd cealgach, leis a bheil iad gu h‑innleachdach ri feall-fhalach a‑chum meallaidh:

Is tobraichean gun uisge iad seo, neòil air an iomain le iomaghaoith; fa chomhair a bheil duibhre an dorchadais air a thasgadh gu sìorraidh.

Ach sibhse, a mhuinntir mo ghràidh, o is aithne dhuibh na nithean seo ro‑làimh, thugaibh an aire air eagal air dhuibhse mar an ceudna a bhith air ur tarraing air falbh le seachran nan daoine an‑diadhaidh, gun tuit sibh o ur seasmhachd fhèin:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan