Agus bheannaich Simeon iad, agus thubhairt e ri Muire a mhàthair, Feuch, chuireadh an leanabh seo a‑chum tuiteam agus aiseirigh mhòran ann an Israel, agus na chomharradh an aghaidh an labhrar:
Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e riu, Imichibh-se agus innsibh do Eòin na nithean a chunnaic agus a chuala sibh; gu bheil na doill a’ faicinn, na bacaich ag imeachd, na lobhair air an glanadh, na bodhair a’ cluinntinn, na mairbh air an dùsgadh, an soisgeul air a shearmonachadh do na bochdan.
Agus nuair a dh’fhalbh teachdairean Eòin, thòisich e air labhairt ris an t‑sluagh mu thimcheall Eòin, Ciod an nì a chaidh sibh a‑mach don fhàsach a dh’fhaicinn? An i cuilc air a crathadh le gaoith?
Ach cha ghabh an duine nàdarra ri nithean Spiorad Dhè: oir is amaideachd leis iad; agus chan eil e an comas dha eòlas a ghabhail orra, do bhrìgh gur ann air mhodh spioradail a thuigear iad.