Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 7:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus anns an uair sin fhèin leighis e mòran on easlaintean agus om plàighean, agus o dhroch spioradan; agus thug e am fradharc do mhòran a bha dall.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Ma bhios gorta anns an tìr, ma bhios plàigh ann, seargadh, fuar-dhealt, lòcaist, ma bhios burrais ann; ma theannaicheas a nàmhaid e ann an tìr a bhailtean, ciod air bith plàigh, ciod air bith easlaint a bhios ann;

Agus ma thèid an sagart a‑steach, agus gun amhairc e air, agus, feuch, nach do sgaoil a’ phlàigh anns an taigh, an dèidh an taigh a chòmhdachadh thairis; an sin gairmidh an sagart an taigh glan, a chionn gun do lèighseadh a’ phlàigh.

Agus dh’imich Iosa timcheall Ghalile uile, a’ teagasg nan sionagogan, agus a’ searmonachadh soisgeul na rìoghachd, agus a’ slànachadh gach gnè thinnis, agus gach gnè eucail am measg an t‑sluaigh.

Agus chaidh a chliù air feadh Shiria uile, agus thug iad da ionnsaigh iadsan uile a bha easlan, agus a bha air an cuibhreachadh le galaran, agus iomadh gnè phiantan, agus iadsan aig an robh deamhain annta, agus air an robh an tuiteamach, agus luchd-pairilis; agus shlànaich e iad.

Oir leighis e mòran; ionnas gun do dhlùth-theann iad ris, a mheud is air an robh plàighean, a‑chum gum beanadh iad ris.

Agus air ball thiormaicheadh tobar a fala; agus dh’aithnich i air a corp fhèin gun do lèighseadh i on phlàigh sin.

Agus thubhairt e rithe, A nighean, shlànaich do chreideamh thu; imich ann an sìth, agus bi slàn od phlàigh.

Agus air teachd o na daoine da ionnsaigh, thubhairt iad, Chuir Eòin Baistidh sinne ad ionnsaigh, ag ràdh, An tusa an tì a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri neach eile?

Oir an tì as ionmhainn leis an Tighearna, smachdaichidh e, agus sgiùrsaidh e gach mac ris an gabh e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan