Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 7:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha seirbhiseach ceannaird-ceud àraidh, a b’ionmhainn leis, gu tinn agus ri uchd bàis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e, Beannaichte gu robh an Tighearna, Dia mo mhaighistir Abrahàm, nach do bhuin a thròcair agus a fhìrinn om mhaighistir; air dhòmhsa a bhith anns an t‑slighe stiùir an Tighearna mi gu taigh bràithrean mo mhaighistir.

Ach fhuair Deborah, banaltram Rebecah, bàs, agus dh’adhlaiceadh i fo Bhetel, fo dharaig: agus thugadh Alon-bacut mar ainm air.

Ma ghluais mi le dìomhanas, agus ma ghreas mo chas a‑chum ceilge;

Ma thogas neach a sheirbhiseach suas gu mùirneach o bhith na leanabh, mu dheireadh bidh e aige mar mhac.

A‑nis, nuair a chunnaic an ceannard-ceud, agus iadsan a bha maille ris a’ coimhead Iosa, a’ chrith-thalmhainn, agus na nithean eile a rinneadh, ghabh iad eagal mòr, ag ràdh, Gu fìrinneach b’e seo Mac Dhè.

A‑nis nuair a chunnaic an ceannard-ceud an nì a rinneadh, thug e glòir do Dhia, ag ràdh, Gu fìrinneach b’ionracan an duine seo.

A‑nis nuair a chrìochnaich e a bhriathran uile ann an èisdeachd an t‑sluaigh, chaidh e a‑steach do Chapernàum.

Agus nuair a chuala e mu Iosa, chuir e seanairean nan Iùdhach da ionnsaigh, a’ cur impidh air gun tigeadh e, agus gun lèighseadh e a sheirbhiseach.

Do bhrìgh gu robh aon-ghin nighinn aige, mu thimcheall dà‑bhliadhna-dheug, agus i a’ faotainn a’ bhàis. (Ach air dha a bhith ag imeachd, bha an sluagh ga theannadh.

Agus bha duine àraidh ann an Cesarèa, dom b’ainm Cornelius, ceannard-ceud den chuideachd ris an abrar a’ chuideachd Eadailteach,

Agus nuair a dh’fhalbh an t‑aingeal a labhair ri Cornelius, ghairm e da ionnsaigh dithis de mhuinntir a thaighe, agus saighdear cràbhach den dream a bha a‑ghnàth a’ feitheamh air;

Agus nuair a chuala an ceannard-ceud seo, dh’imich e agus dh’innis e don àrd-cheannard, ag ràdh, Thoir fa‑near ciod a nì thu: oir is Ròmanach an duine seo.

An sin ghairm Pòl da ionnsaigh aon de na ceannardan-ceud, agus thubhairt e, Thoir an t‑òganach seo a‑chum an àrd-cheannaird; oir tha nì àraidh aige ri innse dha.

Agus nuair a thugadh breith sinne a sheòladh don Eadailt, thug iad Pòl thairis, maille ri prìosanaich àraidh eile, do cheannard-ceud dom b’ainm Iulius de chuideachd Augustuis.

Agus air an là màireach, thàinig sinn gu Sìdon. Agus air do Iulius buntainn gu suairc ri Pòl, leig e dha dol a dh’ionnsaigh a chàirdean a‑chum comhfhurtachd fhaotainn.

Ach air don cheannard-ceud a bhith toileach Pòl a theasairginn, chùm e air ais on comhairle iad, agus dh’àithn e dhaibhsan dom b’aithne snàmh iad fhèin a thilgeadh anns a’ chuan air tùs, agus dol a‑mach air tìr:

A sheirbhiseacha, bithibh umhail dur maighistirean a rèir na feòla, anns na h‑uile nithean; chan ann le seirbhis-sùl, mar dhream a tha a’ toileachadh dhaoine, ach ann an treibhdhireas cridhe, ann an eagal Dhè:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan