Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 7:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghlac eagal iad uile: agus thug iad glòir do Dhia, ag ràdh, Dh’èirich fàidh mòr nar measg-ne; agus, Dh’amhairc Dia air a shluagh fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

31 Iomraidhean Croise  

Tha thu a’ fiosrachadh na talmhainn, agus ga uisgeachadh; nì thu ro‑bheartach e, oir tha abhainn Dhè làn de uisge; deasaichidh tu arbhar, nuair a dh’ullaich thu e mar seo.

Agus chreid an sluagh: agus nuair a chuala iad gun d’amhairc an Tighearna air cloinn Israeil, agus gum faca e an àmhghar, an sin chrom iad an cinn, agus rinn iad adhradh.

Agus bidh a’ chathair seo dhòmhsa na h‑ainm sòlais, na moladh, agus na maise, am measg uile chinnich na talmhainn, a chluinneas gach uile mhath a nì mise dhaibh: agus bidh eagal agus crith orra, airson an uile mhaitheis, agus airson an uile shoirbheachaidh a dheònaicheas mise dhaibh.

Ionnas gun do ghabh an sluagh iongantas nuair a chunnaic iad na balbhain a’ labhairt, na daoine ciurramach slàn, na bacaich ag imeachd, agus na doill a’ faicinn: agus thug iad glòir do Dhia Israeil.

Agus thubhairt an sluagh, Is e seo Iosa, am fàidh o Nàsaret Ghalile.

Agus dh’imich iad gu luath on uaigh, le eagal agus mòr-ghàirdeachas, agus ruith iad a dh’innse da dheisciobail.

Ach nuair a chunnaic am poball seo, ghabh iad iongantas, agus thug iad glòir do Dhia, a thug a leithid seo de chumhachd do dhaoine.

Agus thàinig eagal air an coimhearsnaich uile: agus dh’aithriseadh na nithean sin gu lèir air feadh dùthaich àrd Iudèa uile.

Guma beannaichte an Tighearna Dia Israeil, airson gun d’fhiosraich e agus gun tug e saorsa da phoball,

Agus an leag iad cho ìosal ris an làr thu, agus do chlann annad, agus nach fàg iad annad clach air muin cloiche; do bhrìgh nach b’aithne dhut aimsir d’fhiosrachaidh.

Agus thill na buachaillean, a’ tabhairt glòire agus molaidh do Dhia airson nan nithean sin uile a chuala agus a chunnaic iad, a rèir mar a labhradh riu.

Agus thubhairt e riu, Ciod na nithean? Agus thubhairt iadsan ris, Na nithean a‑thaobh Iosa o Nàsaret, a bha na fhàidh cumhachdach ann an gnìomh agus ann am facal am fianais Dhè, agus an t‑sluaigh uile:

Agus ghlac uamhas iad uile, agus thug iad glòir do Dhia, agus lìonadh le eagal iad, ag ràdh, Chunnaic sinne nithean do‑chreidsinn an‑diugh.

Nuair a chunnaic Sìmon Peadar seo thuit e sìos aig glùinean Iosa, ag ràdh, Imich uamsa, a Thighearna, oir is duine peacach mi.

Agus dh’èirich an duine a bha marbh na shuidhe, agus thòisich e air labhairt: agus thug e da mhàthair e.

Agus nuair a chunnaic am Pharasach, a thug cuireadh dha, seo, labhair e ann fhèin, ag ràdh, Nam b’fhàidh an duine seo, bhiodh fhios aige cò i a’ bhean seo a tha a’ beantainn ris, agus ciod as gnè dhi; oir is peacach i.

An sin dh’iarr muinntir dùthaich nan Gadarèneach uile airsan imeachd uapa; oir ghlacadh le eagal mòr iad: agus chaidh e anns an luing, agus thill e air ais a‑rìs.

Fhreagair iadsan agus thubhairt iad, Eòin Baistidh: ach tha cuid ag ràdh Elias: agus cuid eile gu bheil aon de na seann fhàidhean air èirigh a‑rìs.

Agus dh’fheòraich iad dheth, Ciod mas eadh? An tu Elias? Agus thubhairt e, Cha mhi. An tu am fàidh? Agus fhreagair e, Cha mhi.

Agus dh’fheòraich iad dheth, agus thubhairt iad ris, Carson mas eadh a tha thu a’ baisteadh, mura tu Crìosd, no Elias, no am fàidh?

Thubhairt a’ bhean ris, A Thighearna, tha mi a’ faicinn gur fàidh thu.

An sin nuair a chunnaic na daoine sin am mìorbhail a rinn Iosa, thubhairt iad, Gu fìrinneach is e seo am fàidh a bha gu teachd a‑chum an t‑saoghail.

Thubhairt iad a‑rìs ris an duine dhall, Ciod a tha thusa ag ràdh uime a‑thaobh gun d’fhosgail e do shùilean? Agus thubhairt esan, Is fàidh e.

Agus nuair a chuala Ananias na briathran seo, thuit e sìos, agus chaidh an deò as: agus thàinig eagal mòr air na h‑uile a chuala na nithean seo.

Is e seo am Maois ud a thubhairt ri cloinn Israeil, Togaidh an Tighearna ur Dia suas fàidh dhuibh de ur bràithrean, cosmhail riumsa; ris-san èisdidh sibh.

Agus thug iad glòir do Dhia air mo shon-sa.

Togaidh an Tighearna do Dhia suas fàidh dhut od mheadhon fhèin, od bhràithrean, cosmhail riumsa: ris-san èisdidh sibh;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan