Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 7:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig e agus bhean e ris a’ ghiùlan; agus sheas iadsan a bha ga iomchar; agus thubhairt e, Oganaich, tha mi ag ràdh riut, èirich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus shìn e e fhèin air an leanabh trì uairean, agus dh’èigh e ris an Tighearna, agus thubhairt e, A Thighearna mo Dhia, thigeadh, guidheam ort, anam an leinibh seo a‑steach ann a‑rìs.

Agus dh’èisd an Tighearna ri guth Eliah; agus thàinig anam an leinibh a‑steach ann a‑rìs, agus dh’ath-bheothaicheadh e.

Mar sin laighidh an duine sìos, agus chan èirich e, gus nach bi na nèamhan ann, cha mhosgail iad, agus cha dùisgear as an cadal iad.

Ma bhàsaicheas duine, an tig e beò? Uile làithean m’aimsire suidhichte feithidh mi, gus an tig mo chaochladh.

Oir labhair e agus bha e ann; dh’àithn e, agus sheas e.

Thig do mhairbh beò; maille rim chorp marbh-sa èiridh iad. Dùisgibh agus seinnibh, sibhse tha a chòmhnaidh anns an duslach; oir tha do dhrùchd mar dhrùchd luibhean; agus tilgidh an talamh a‑mach na mairbh.

Agus rug e air an nìonaig air làimh, agus thubhairt e rithe, Talitha-cumi; is e sin, air eadar-mhìneachadh, A chailinn (tha mise ag ràdh riut), èirich.

Agus nuair a chunnaic an Tighearna i, ghabh e truas dhith, agus thubhairt e rithe, Na guil.

Agus dh’èirich an duine a bha marbh na shuidhe, agus thòisich e air labhairt: agus thug e da mhàthair e.

Agus chaidh an t‑iomradh seo a‑mach airsan air feadh Iudèa uile, agus na dùthcha mun cuairt uile.

Thubhairt Iosa rithe, Is mise an aiseirigh, agus a’ bheatha: an tì a chreideas annamsa, ged gheibheadh e bàs, bidh e beò:

Oir mar tha an t‑Athair a’ dùsgadh, agus a’ beothachadh nam marbh, is amhail sin a tha am Mac a’ beothachadh an dream as àill leis.

Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh gu bheil an uair a’ teachd, agus gu bheil i a‑nis ann, anns an cluinn na mairbh guth Mac Dhè: agus an dream a chluinneas, bidh iad beò.

(A rèir mar a tha e sgrìobhte, Dh’òrdaich mi thu ad athair mòran chinneach), na làthair-san anns an do chreid e, eadhon Dia, a tha a’ beothachadh nam marbh, agus a tha a’ gairm nan nithean sin nach eil idir ann mar gum biodh iad ann:

Oir is gràineil eadhon rin innse na nithean a tha air an dèanamh leo ann an uaigneas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan