Nan uile àmhghar bha esan fo àmhghar; agus rinn aingeal a làthaireachd an tèarnadh; na ghràdh agus na iochd rinn e fhèin an saoradh; agus dh’iomchair e iad, agus ghiùlain e iad, rè nan uile làithean o shean.
Nach e Ephraim mo mhac caomh? Nach leanabh ro‑thaitneach e? Oir on uair anns an do labhair mi na aghaidh, tha mi gu dùrachdach ga chuimhneachadh fhathast: uime sin tha iomairt ann am chom air a shon: nì mi gu deimhinn tròcair air, deir an Tighearna.
An dèidh nan nithean sin, dh’òrdaich an Tighearna mar an ceudna deichnear agus trì-fichead eile, agus chuir e a lìon dithis agus dithis ro a ghnùis iad, do gach baile, agus àit, gus an robh e fhèin gu teachd.
Agus thàrladh air dha a bhith ann an ionad àraidh ri ùrnaigh, nuair a sguir e, gun dubhairt neach àraidh de a dheisciobail ris, A Thighearna, teagaisg dhuinne ùrnaigh a dhèanamh, mar a theagaisg Eòin da dheisciobail fhèin.
Agus thubhairt an Tighearna ris, A‑nis, Pharasacha, glanaidh sibhse an taobh a‑muigh den chupan agus den mhèis: ach tha an taobh a‑staigh dhibh làn reubainn agus aingidheachd.
Agus thubhairt an Tighearna, Cò e uime sin an stiùbhard fìrinneach agus glic sin, a chuireas a thighearna os cionn a theaghlaich, a thoirt dhaibh an cuibhreann bìdh na àm fhèin?
An sin fhreagair an Tighearna e, agus thubhairt e, A chealgair, nach fuasgail gach aon agaibh a dhamh no a asal on phrasaich, agus nach toir e gu uisge e air là na sàbaid?
Agus thubhairt an Tighearna, Nam biodh agaibh creideamh mar ghràinne de shìol mustaird, theireadh sibh ris a’ chraoibh shicamin seo, Bi air do spìonadh as do fhreumhan, agus bi air do shuidheachadh anns a’ chuan. Agus bhiodh i umhail dhuibh.
Agus sheas Sachèus agus thubhairt e ris an Tighearna, Feuch, a Thighearna, tha mi a’ toirt leth mo mhaoin do na bochdan: agus ma thug mi aon nì o neach air bith le casaid bhrèige, tha mi a’ toirt dha a cheithir uiread.
Agus air tionndadh don Tighearna, dh’amhairc e air Peadar: agus chuimhnich Peadar facal an Tighearna, mar a thubhairt e ris, Mun goir an coileach, àichidh tu mi trì uairean.
A‑nis nuair a thàinig e am fagas do gheata a’ bhaile, feuch, ghiùlaineadh a‑mach duine marbh, aon mhac a mhàthar, agus bu bhantrach i: agus bha sluagh mòr de mhuinntir a’ bhaile maille rithe.
Agus ghairm Eòin da ionnsaigh dithis àraidh de a dheisciobail, agus chuir e iad gu Iosa, ag ràdh, An tusa esan a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri neach eile?
Agus thubhairt iadsan rithe, A bhean, carson a tha thu a’ gul? Thubhairt i riu, Airson gun tug iad mo Thighearna leo, agus nach eil fhios agam càit an do chuir iad e.
Thubhairt Iosa rithe, A bhean, carson a tha thu a’ gul? Cò a tha thu ag iarraidh? Air saoilsinn dhise gum b’e an gàrradair a bha ann, thubhairt i ris, A thighearna, ma thug thusa leat e, innis dhòmhsa càit an do chuir thu e, agus bheir mise leam e.
Agus iadsan a tha ri caoidh, mar nach biodh iad ri caoidh; agus iadsan a tha ri gàirdeachas, mar mhuinntir nach eil ri gàirdeachas; agus iadsan a tha ri ceannachd, mar dhaoine nach eil a’ sealbhachadh;
Ach cha b’àill leam, a bhràithrean, sibh a bhith aineolach a‑thaobh na muinntir sin a tha nan cadal, a‑chum nach dèan sibh bròn, eadhon mar dhaoine eile aig nach eil dòchas.
Uime sin b’fheumail dha anns na h‑uile nithean a bhith air a dhèanamh cosmhail ra bhràithrean; a‑chum gum biodh e na àrd-shagart tròcaireach agus dìleas ann an nithean a‑thaobh Dhè, a‑chum rèite a dhèanamh airson peacaidhean an t‑sluaigh:
Oir chan eil Ard-shagart againn nach eil comasach air co‑fhulangas a bhith aige ri ar n‑anfhainneachdan; ach a bhuaireadh anns na h‑uile nithean air an dòigh cheudna rinne, gidheadh as eugmhais peacaidh.
Agus chuir iad air falbh na diathan coimheach as am measg, agus rinn iad seirbhis don Tighearna: agus bha doilgheas air a anam airson truaighe Israeil.