Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 7:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis nuair a thàinig e am fagas do gheata a’ bhaile, feuch, ghiùlaineadh a‑mach duine marbh, aon mhac a mhàthar, agus bu bhantrach i: agus bha sluagh mòr de mhuinntir a’ bhaile maille rithe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e, Na leag do làmh air a’ ghille, agus na dèan nì sam bith air: oir a‑nis tha mi fiosrach gu bheil eagal Dhè ort, do bhrìgh nach do chùm thu do mhac, eadhon d’aon mhac, uamsa.

Agus thubhairt esan, Gabh a‑nis do mhac, d’aon mhac Isaac, as ionmhainn leat, agus rach do thìr Mhoriah; agus thoir suas an sin e mar thabhartas-loisgte air aon de na beanntan a dh’innseas mise dhut.

Agus, feuch, dh’èirich an teaghlach uile an aghaidh do bhanoglaich, agus thubhairt iad, Thoir seachad esan a bhuail a bhràthair, a‑chum gum marbh sinn e airson anam a bhràthar a mharbh e, agus gum marbh sinn an t‑oighre mar an ceudna: agus mar sin mùchaidh iad m’èibhleag a dh’fhàgadh, air chor is nach fàg iad aig m’fhear aon chuid ainm no iarmad air aghaidh na talmhainn.

Agus thubhairt ise, Mar as beò an Tighearna do Dhia, chan eil breacag agam, ach làn an dùirn de mhin ann an soitheach, agus beagan ola ann an còrn: agus, feuch, tha mi a’ tional biorain no dhà, a‑chum gun tèid mi a‑steach, agus gun deasaich mi e dhomh fhèin agus dom mhac, agus gun ith sinn e, agus gum faigh sinn bàs.

Agus thubhairt i ri Eliah, Ciod e mo ghnothach-sa riut, a dhuine le Dia? An tàinig thu am ionnsaigh a chur mo pheacaidh an cuimhne, agus a mharbhadh mo mhic?

Agus ghlac Eliah an leanabh, agus thug e sìos e as an t‑seòmar uachdarach don taigh, agus thug e da mhàthair e: agus thubhairt Eliah, Feuch, tha do mhac beò.

Eirich, imich gu Sarephat, as le Sìdon, agus gabh còmhnaidh an sin: feuch, dh’àithn mise do mhnaoi a tha na bantraich an sin do bheathachadh.

Agus thubhairt e, Aig an àm shuidhichte seo, a rèir àm na beatha, bidh mac agad ad ghlacan. Agus thubhairt ise, Na dèan, mo thighearna, a dhuine le Dia, na dèan breug dod bhanoglaich.

Agus thog esan leis e, agus thug e a dh’ionnsaigh a mhàthar e; agus shuidh e air a glùinean gu meadhon-là, agus an sin dh’eug e.

Thàinig beannachadh an tì a bha ullamh gu bàsachadh orm; agus thug mi air cridhe na bantraich seinn le aoibhneas.

Agus dòirtidh mi air taigh Dhaibhidh, agus air luchd-àiteachaidh Ierusaleim, spiorad nan gràs agus nan athchuingean, agus amhaircidh iad airsan a lot iad, agus nì iad caoidh air a shon, mar a chaoidheas duine airson a aon mhic: agus bidh an doilgheas air a shon mar dhoilgheas airson ciad-ghin.

Agus thàrladh, an là na dhèidh sin, gun deachaidh e a‑chum baile den gairmear Nain; agus chaidh a dheisciobail maille ris, agus sluagh mòr.

Agus nuair a chunnaic an Tighearna i, ghabh e truas dhith, agus thubhairt e rithe, Na guil.

Do bhrìgh gu robh aon-ghin nighinn aige, mu thimcheall dà‑bhliadhna-dheug, agus i a’ faotainn a’ bhàis. (Ach air dha a bhith ag imeachd, bha an sluagh ga theannadh.

Agus bha iad uile a’ gul, agus a’ dèanamh caoidh air a son: ach thubhairt esan, Na guilibh; chan eil i marbh, ach na cadal.

Agus thàinig mòran de na h‑Iùdhaich a‑chum Mharta agus Mhuire, gu comhfhurtachd a thoirt dhaibh a‑thaobh am bràthar.

An sin dh’èirich Peadar, agus chaidh e maille riu. Agus nuair a bha e air teachd, threòraich iad suas e don t‑seòmar uachdarach: agus sheas na bantraichean uile làimh ris a’ caoineadh, agus a’ nochdadh nan còta agus nan trusgan a rinn Dorcas am feadh a bha i maille riu.

Agus thug e a làmh dhi, agus thog e na seasamh i; agus nuair a ghairm e na naoimh agus na bantraichean, chuir e nan làthair beò i.

Is i seo an diadhachd fhìorghlan agus neo-shalach am fianais Dhè agus an Athar, dìlleachdain agus bantraichean fhiosrachadh nan trioblaid agus neach ga choimhead fhèin gun smal on t‑saoghal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan