An sin fhreagair Iosa agus thubhairt e rithe, O bhean, is mòr do chreideamh: biodh e dhut mar as àill leat. Agus rinneadh a nighean slàn on uair sin a‑mach.
Agus nuair a chuala Iosa na nithean seo, ghabh e iongantas ris, agus air tionndadh dha, thubhairt e ris an t‑sluagh a lean e, Tha mi ag ràdh ribh nach d’fhuair mi creideamh cho mòr seo ann an Israel fhèin.