Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 6:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn na sgrìobhaichean agus na Pharasaich faire, a dh’fheuchainn an lèighseadh e air an t‑sàbaid; a‑chum gum faigheadh iad cùis-dhìtidh na aghaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus tha luchd-iarraidh m’anama a’ cur ribeachan romham, agus luchd-iarraidh m’uilc a’ labhairt nithean aimhleasach, agus a’ smaoineachadh ceilge air feadh an là uile.

A nì duine na pheacach airson facail; a tha a’ leagadh ribe air a shon-san a tha a’ tagradh anns a’ gheata; agus a tha a’ tionndadh an ionracain a lethtaobh airson nì nach fiù.

Oir chuala mi tuairisgeul mhòrain, Uamhas air gach taobh aithrisibh-se, agus aithrisidh sinne e: tha iadsan uile ris an robh mi ann an sìth furachair airson mo thuislidh, ag ràdh, Theagamh gum meallar e, agus gum faigh sinn buaidh air, agus gun gabh sinn dìoghaltas dheth.

Ach tha mise ag ràdh ribh, Na cuiribh an aghaidh an uilc: ach ge bè neach a bhuaileas thu air do ghiall deas, tionndaidh thuige an giall eile mar an ceudna.

Agus rinn iad faire air, a dh’fheuchainn an lèighseadh e e air là na sàbaid, a‑chum gum biodh cùis-dhìtidh aca na aghaidh.

Agus fhreagair uachdaran an t‑sionagoig, agus e làn feirge airson gun do rinn Iosa leigheas air là na sàbaid, agus thubhairt e ris an t‑sluagh, Tha sia làithean anns an còir obair a dhèanamh: orra seo air an adhbhar sin thigibh, agus bithibh air ur leigheas, agus na b’ann air là na sàbaid.

Agus rinn iad geur-fhaire air, agus chuir iad a‑mach luchd-foille, a leigeadh orra fhèin a bhith nam fìreanan, a‑chum gun dèanadh iad greim air a fhacail, air chor is gun tugadh iad thairis e do chumhachd agus do ùghdarras an uachdarain.

Uime sin thubhairt cuid de na Pharasaich, Chan eil an duine seo o Dhia, do bhrìgh nach eil e a’ gleidheadh na sàbaid. Thubhairt cuid eile, Cionnas a dh’fhaodas duine a tha na pheacach a leithid seo de mhìorbhailean a dhèanamh? Agus bha eas-aonachd nam measg.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan