Thàrladh mar an ceudna air sàbaid eile gun deachaidh e a‑steach don t‑sionagog, agus gun do theagaisg e; agus bha an sin duine aig an robh a làmh dheas air seargadh.
Agus nuair a chuala rìgh Ierobòam facal an duine le Dia, a dh’èigh e an aghaidh na h‑altarach ann am Betel, shìn e a làmh a‑mach on altair, ag ràdh, Beiribh air: agus shearg a làmh a shìn e a‑mach na aghaidh, air chor is nach b’urrainn e a tabhairt air a h‑ais thuige.
Is truagh don droch bhuachaille a dh’fhàgas an treud: thig sgrios air a ghàirdean, agus air a shùil dheis; seargaidh a ghàirdean gu tur, agus dorchaichear a shùil dheas gu h‑iomlan.
Agus dh’imich Iosa timcheall Ghalile uile, a’ teagasg nan sionagogan, agus a’ searmonachadh soisgeul na rìoghachd, agus a’ slànachadh gach gnè thinnis, agus gach gnè eucail am measg an t‑sluaigh.
Agus thàinig e gu Nàsaret, far an d’àraicheadh e: agus chaidh e a‑steach, mar a bu ghnàth leis, air là na sàbaid don t‑sionagog, agus dh’èirich e na sheasamh a‑chum leughaidh.
Agus thàrladh air a’ chiad là sàbaid an dèidh an dara là de fhèill na càisge gun deachaidh e tro na h‑achaidhean arbhair; agus spìon a dheisciobail na diasan arbhair, agus dh’ith iad, an dèidh am bruthadh len làmhan.
Uime sin thubhairt cuid de na Pharasaich, Chan eil an duine seo o Dhia, do bhrìgh nach eil e a’ gleidheadh na sàbaid. Thubhairt cuid eile, Cionnas a dh’fhaodas duine a tha na pheacach a leithid seo de mhìorbhailean a dhèanamh? Agus bha eas-aonachd nam measg.