Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 6:49

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach an tì a chluinneas agus nach dèan, is cosmhail e ri duine a thog taigh air an talamh gun bhunait, air an do bhuail an sruth gu dian, agus air ball thuit e: agus bu mhòr tuiteam an taighe sin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

30 Iomraidhean Croise  

An tì a ghluaiseas gu h‑ionraic, tèarnar e; ach esan tha fiar na shlighean, tuitidh e a dh’aon bheum.

Agus tha iad a’ teachd ad ionnsaigh mar chruinneachadh sluaigh, agus tha iad a’ suidhe ann ad làthair mar mo phoball-sa, agus tha iad ag èisdeachd do bhriathran, ach chan eil iad gan dèanamh: oir tha iad a’ taisbeanadh mòran gràidh lem beul, ach tha an cridhe a’ dol an dèidh an sannt.

Nach smachdaich mise ur nigheanan, a chionn gu bheil iad ri strìopachas? Agus ur mnathan a chionn gu bheil iad ri adhaltranas? A chionn gu bheil iad gan cur fhèin air leth le strìopaichean, agus ag ìobradh le luchd neòghlaine: uime sin, an sluagh aig nach eil tuigse, tuitidh iad.

Air an adhbhar sin, na h‑uile nithean a dh’iarras iad oirbhse a choimhead, coimheadaibh agus dèanaibh iad; ach na dèanaibh a rèir an obraichean: oir their iad, agus cha dèan iad.

Agus an sin gabhaidh mòran oilbheum, agus brathaidh iad a chèile, agus bidh fuath aca da chèile.

Agus chan eil freumh aca annta fhèin, ach mairidh iad rè sealain; na dhèidh sin, nuair a dh’èireas àmhghar no geur-leanmhainn airson an fhacail, air ball tha iad a’ gabhail oilbheim.

Agus an seirbhiseach sin dom b’aithne toil a mhaighistir, agus nach d’ullaich e fhèin, agus nach do rinn a rèir a thoile, buailear e le mòran bhuillean.

Agus bha fuath aig muinntir a dhùthcha dha, agus chuir iad teachdaireachd na dhèidh, ag ràdh, Chan àill leinn an duine seo a bhith na rìgh oirnn.

Ach thugaibh an seo na naimhdean ud agamsa, leis nach b’àill mise a bhith am rìgh os an cionn, agus marbhaibh am fhianais iad.

Agus carson a ghoireas sibh, A Thighearna, a Thighearna, dhìomsa, agus nach dèan sibh na nithean a tha mi ag ràdh?

Is cosmhail e ri duine a thog taigh, agus a chladhaich domhain, agus a chuir a’ bhunait air carraig: agus nuair a thàinig an tuil, bhuail an sruth gu dian air an taigh sin, agus cha b’urrainn e a charachadh; oir bha e air a shuidheachadh air carraig.

A‑nis nuair a chrìochnaich e a bhriathran uile ann an èisdeachd an t‑sluaigh, chaidh e a‑steach do Chapernàum.

Gach uile gheug annamsa nach eil a’ giùlan toraidh, bheir e air falbh; agus gach uile gheug a tha a’ tabhairt toraidh, glanaidh e i, a‑chum gun giùlain i tuilleadh toraidh.

Oir tha fhios agam air a seo, an dèidh m’imeachd-sa gun tig madaidhean-allaidh garga nur measg, nach caomhain an treud.

Agus a’ dèanamh peanais orra gu minig anns gach sionagog, cho-èignich mi iad gu toibheum a labhairt; agus air dhomh a bhith gu ro‑mhòr air bhoile nan aghaidh, rinn mi geur-leanmhainn orra, eadhon gu bailtean coigreach.

Air an adhbhar seo, nuair nach robh mise comasach air cumail orm fhèin na b’fhaide, chuir mi a dh’fhaghail fios mur creideamh, air eagal air chor sam bith gun do bhuair am buaireadair sibh, agus gum biodh ar saothair-ne dìomhain.

Oir an dèidh dhaibh dol as o shalchar an t‑saoghail, tre eòlas an Tighearna agus an t‑Slànaighir Iosa Crìosd, ma bhios iad a‑rìs air an ribeadh annta, agus air an cur fo ghèill, tha a’ chrìoch aca nas miosa na an toiseach.

Chaidh iad a‑mach uainn, ach cha robh iad dhinn: oir nam biodh iad dhinn, gu deimhinn dh’fhanadh iad maille rinn: ach chaidh iad a‑mach, a‑chum gun dèante follaiseach iad, nach robh iad uile dhinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan