Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 6:46

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus carson a ghoireas sibh, A Thighearna, a Thighearna, dhìomsa, agus nach dèan sibh na nithean a tha mi ag ràdh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Bheir mac onair da athair, agus seirbhiseach da mhaighistir; mas athair mise, matà, càit a bheil m’onair? Agus mas maighistir mi, càit a bheil m’eagal? tha Tighearna nan sluagh ag ràdh ribhse, O shagartan a tha a’ dèanamh tàire air m’ainm-sa; agus tha sibh ag ràdh, Ciod anns an do rinn sinne tàir air d’ainm?

Na dhèidh sin, thàinig mar an ceudna na h‑òighean eile, ag ràdh, A thighearna, a thighearna, fosgail dhuinne.

Ach nuair a thàinig esan a fhuair an t‑aon tàlann, thubhairt e, A thighearna, bha fhios agam gur duine cruaidh thu, a bhuaineas anns an àite anns nach do chuir thu, agus a thionaileas anns an ionad anns nach do sgaoil thu;

An sin freagraidh iadsan mar an ceudna e, ag ràdh, A Thighearna, cuin a chunnaic sinne thu acrach, no tartmhor, no ad choigreach, no lomnochd, no easlan, no am prìosan, agus nach do fhritheil sinn dhut?

Na meallar sibh; cha dèanar fanaid air Dia: oir ge bè nì a shìol-chuireas duine, an nì ceudna buainidh e.

Ach bithibh-se nur luchd cur-an‑gnìomh an fhacail, agus na b’ann nur luchd-èisdeachd a‑mhàin, gur mealladh fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan