Bheir duine math nì math a‑mach à deagh ionmhas a chridhe; agus bheir droch dhuine nì olc a‑mach à droch ionmhas a chridhe: oir is ann à pailteas a chridhe a labhras a bheul.
Dhòmhsa, as lugha na an tì as lugha de na naoimh uile, thugadh an gràs seo, saoibhreas Chrìosd, nach faodar a rannsachadh, a shearmonachadh am measg nan Cinneach;
Gabhadh facal Chrìosd còmhnaidh annaibh gu saoibhir anns an uile ghliocas, a’ teagasg agus a’ comhairleachadh a chèile le sailm, agus laoidhean, agus dàin spioradail, a’ dèanamh ciùil don Tighearna le gràs nur cridhe.
Oir is e seo an coicheangal a nì mi ri taigh Israeil an dèidh nan làithean ud, tha an Tighearna ag ràdh; cuiridh mi mo reachdan nan inntinn, agus sgrìobhaidh mi iad air an cridheachan: agus bidh mi am Dhia dhaibh, agus bidh iadsan nan sluagh dhòmhsa.
A dhèanamh breitheanais air na h‑uile, agus a‑chum iadsan uile a tha mì‑dhiadhaidh nam measg fhàgail ris, a‑thaobh an uile ghnìomharan mì‑dhiadhaidh a rinn iad gu mì‑dhiadhaidh, agus a‑thaobh an uile bhriathar cruaidhe, a labhair peacaich mhì-dhiadhaidh na aghaidh.