Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 6:42

Am Bìoball Gàidhlig 1992

No cionnas a dh’fhaodas tu a ràdh rid bhràthair, A bhràthair, leig dhomh an smùirnean a thoirt as do shùil, agus nach eil thu a’ toirt fa‑near an t‑sail a tha ann ad shùil fhèin? A chealgair, tilg a‑mach air tùs an t‑sail as do shùil fhèin, agus an sin is lèir dhut gu soilleir an smùirnean a tha ann an sùil do bhràthar a thoirt aisde.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Saoilear gu bheil a’ chòir aigesan a tha air thoiseach ann an agairt a chùise; ach thig a choimhearsnach, agus rannsaichidh e e.

Agus chuimhnich Peadar briathran Iosa, a thubhairt ris, Mun goir an coileach, àichidh tu mi trì uairean. Agus air dol a‑mach dha, ghuil e gu goirt.

Agus carson a tha thu a’ faicinn an smùirnein a tha an sùil do bhràthar, ach nach eil thu a’ toirt fa‑near na sail a tha ann ad shùil fhèin?

No cionnas a their thu rid bhràthair, Fuiling dhomh an smùirnean a spìonadh as do shùil; agus, feuch, an t‑sail ann ad shùil fhèin?

An sin fhreagair an Tighearna e, agus thubhairt e, A chealgair, nach fuasgail gach aon agaibh a dhamh no a asal on phrasaich, agus nach toir e gu uisge e air là na sàbaid?

Ach ghuidh mise air do shon-sa, nach dìobradh do chreideamh thu: agus nuair a dh’iompaichear thu, neartaich do bhràithrean.

Agus carson a tha thu a’ faicinn an smùirnein a tha an sùil do bhràthar, agus nach eil thu a’ toirt fa‑near na sail a tha ann ad shùil fhèin?

Oir cha deagh chraobh a bheir a‑mach droch thoradh: agus cha droch chraobh a bheir a‑mach deagh thoradh.

Thubhairt e, O thusa a tha làn den uile cheilg, agus den uile dhroch-bheairt, a mhic an diabhail, a nàmhaid na h‑uile fhìreantachd, nach sguir thu a dh’fhiaradh slighean dìreach an Tighearna?

An sin thubhairt Peadar riu, Dèanaibh aithreachas, agus bithibh air ur baisteadh, gach aon agaibh ann an ainm Iosa Crìosd, a‑chum maitheanas pheacaidhean, agus gheibh sibh tìodhlac an Spioraid Naoimh.

Chan eil agad cuid no crannchur anns a’ chùis seo: oir chan eil do chridhe dìreach ann am fianais Dhè.

Uime sin tha thu gun leisgeul, O dhuine, cò air bith thu a tha a’ toirt breith: oir nuair a tha thu a’ toirt breith air neach eile, tha thu gad dhìteadh fhèin; oir thusa a tha a’ toirt breith, tha thu a’ dèanamh nan nithean sin fhèin.

Agus is ann o Dhia a tha na h‑uile nithean, neach a rinn sinne rèidh ris fhèin tre Iosa Crìosd, agus a thug dhuinn ministrealachd na rèite;

Uime sin ma ghlanas neach e fhèin uapa seo, bidh e na shoitheach a‑chum urraim, air a naomhachadh, agus iomchaidh a‑chum feum a’ mhaighistir, deas a‑chum gach uile dheagh obrach.

Ach an tì aig nach eil na nithean sin, tha e dall, agus geàrr-sheallach, a’ dìochuimhneachadh gun do ghlanadh e o a sheann pheacaidhean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan