Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 6:41

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus carson a tha thu a’ faicinn an smùirnein a tha an sùil do bhràthar, agus nach eil thu a’ toirt fa‑near na sail a tha ann ad shùil fhèin?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus tillidh an Tighearna a fhuil air a cheann fhèin, do bhrìgh gun do bhuail e air dithis dhaoine a b’ionraice agus a b’fheàrr na e fhèin, agus gun do mharbh e leis a’ chlaidheamh iad, gun fhios dom athair Daibhidh, eadhon Abner mac Neir, ceannard sluagh Israeil, agus Amasa mac Ieteir, ceannard sluagh Iùdah.

Ach Lèbhi agus Beniàmin cha d’àireamh e nam measg; oir bha facal an rìgh gràineil do Ioab.

Oir nì e bàigh ris fhèin na shùilean fhèin, gus am faighear a‑mach a chionta mar adhbhar fuatha.

Tha an cridhe cealgach thar na h‑uile nithean, agus tha e do‑leigheas; cò as urrainn a thuigsinn?

A chionn gu bheil e a’ toirt fa‑near, agus a’ tilleadh o uile lochdan a chuir e an gnìomh, mairidh e gu cinnteach beò, chan fhaigh e bàs.

Na tugaibh breith, a‑chum nach toirear breith oirbh.

Agus bha aca beagan a dh’èisg bheaga: agus bheannaich e iad, agus dh’àithn e an cur sìos nan làthair mar an ceudna.

Chan eil an deisciobal os cionn a mhaighistir: ach ge bè neach a tha coileanta, bidh e mar a mhaighistir.

No cionnas a dh’fhaodas tu a ràdh rid bhràthair, A bhràthair, leig dhomh an smùirnean a thoirt as do shùil, agus nach eil thu a’ toirt fa‑near an t‑sail a tha ann ad shùil fhèin? A chealgair, tilg a‑mach air tùs an t‑sail as do shùil fhèin, agus an sin is lèir dhut gu soilleir an smùirnean a tha ann an sùil do bhràthar a thoirt aisde.

Mar sin air dhaibh buanachadh a’ feòraich dheth, thog e e fhèin suas agus thubhairt e riu, An neach a tha gun pheacadh agaibhse, tilgeadh e a’ chiad chlach oirre.

Uime sin tha thu gun leisgeul, O dhuine, cò air bith thu a tha a’ toirt breith: oir nuair a tha thu a’ toirt breith air neach eile, tha thu gad dhìteadh fhèin; oir thusa a tha a’ toirt breith, tha thu a’ dèanamh nan nithean sin fhèin.

Oir bheachdaich e air fhèin, agus dh’imich e roimhe, agus dhìochuimhnich e air ball ciod an coslas duine a bha ann fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan