Agus ma bheir sibh iasad dhaibhsan om bheil dùil agaibh ri a fhaotainn a‑rìs, ciod am buidheachas a tha agaibh? Oir bheir peacaich fhèin iasad do pheacaich, a‑chum gum faigh iad uiread a‑rìs.
Ach gràdhaichibh-se ur naimhdean, agus dèanaibh math, agus thugaibh iasad, gun dùil a bhith agaibh ri nì sam bith na èirig: agus bidh ur duais mòr, agus bidh sibh nur cloinn don Tì as àirde: oir tha esan toirbheartach dhaibhsan a tha mì‑thaingeil agus olc.