Agus mar a b’àill leibh daoine a dhèanamh dhuibh, dèanaibh-se mar an ceudna dhaibhsan.
Uime sin, gach uile nì a bu mhiann leibh daoine a dhèanamh dhuibhse, dèanaibh-se a leithid dhaibhsan mar an ceudna: oir is e seo an lagh agus na fàidhean.
Oir tha an lagh uile air a choileanadh ann an aon fhacal, eadhon ann an seo, Gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin.
Agus is cosmhail an dara rithe seo, Gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin.
Thoir do gach neach a dh’iarras ort; agus on neach a bheir uat do mhaoin, na iarr air ais i.