Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 6:30

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Thoir do gach neach a dh’iarras ort; agus on neach a bheir uat do mhaoin, na iarr air ais i.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

29 Iomraidhean Croise  

Sgaoil e, thug e do na bochdan; mairidh a fhìreantachd gu bràth; mairidh a adharc le urram.

Is beannaichte esan a bheir an aire don duine bhochd; ann an là an uilc saoraidh an Tighearna e.

An tì a ghabhas truas den bhochd, bheir e air iasad don Tighearna; agus an nì a bheir e uaithe, ìocaidh e dha a‑rìs.

Air feadh an là sanntaichidh e gu mòr; ach bheir am fìrean uaithe, agus cha chaomhain e.

Beannaichear esan aig a bheil sùil fhial; oir bheir e de a aran don bhochd.

Thoir cuibhreann do sheachdnar, agus mar an ceudna do ochdnar; oir chan eil fhios agad ciod an t‑olc a bhios air an talamh.

Nuair a leag mi mo chridhe air eòlas a’ ghliocais fhaotainn, agus air na gnothaichean a nìthear air an talamh fhaicinn (oir mar an ceudna tha neach ann nach faic cadal a là no a dh’oidhche le a shùilean);

Agus mar sin nì m’Athair nèamhaidh ribhse, mura maith gach aon agaibh o ur cridheachan da bhràthair an cionta.

Ach tha mise ag ràdh ribh, Na cuiribh an aghaidh an uilc: ach ge bè neach a bhuaileas thu air do ghiall deas, tionndaidh thuige an giall eile mar an ceudna.

Agus maith dhuinn ar fiachan, amhail a mhaitheas sinne dar luchd-fiach.

Ach thugaibh uaibh dèirc de na nithean a tha agaibh: agus, feuch, tha na h‑uile nithean glan dhuibh.

Reicibh na bheil agaibh, agus thugaibh dèirc uaibh: dèanaibh dhuibh fhèin sporain nach fàs sean, ionmhas nach teirig, anns na nèamhan, far nach tig gadaiche am fagas, agus nach truaill an reudan.

Agus nuair a chuala Iosa seo, thubhairt e ris, Tha aon nì fhathast a dh’uireasbhaidh ort; reic na h‑uile nithean a tha agad, agus roinn air na bochdan, agus bidh agad ionmhas air nèamh; agus thig, agus lean mise.

Ris an tì a bhuaileas thu air aon ghiall, cùm an giall eile; agus don tì a bheir d’fhallaing dhìot, na bac do chòta mar an ceudna.

Agus mar a b’àill leibh daoine a dhèanamh dhuibh, dèanaibh-se mar an ceudna dhaibhsan.

Thugaibh uaibh, agus bheirear dhuibh; deagh thomhas, air a gheinneadh agus air a chrathadh ri chèile, agus a’ cur thairis, bheir daoine nur n‑uchd; oir leis an tomhas len tomhais sibh, tomhaisear dhuibh a‑rìs.

Nochd mi na h‑uile nithean dhuibh, gur ann le saothrachadh mar seo as còir dhuibh còmhnadh a dhèanamh riùsan a tha anfhann; agus briathran an Tighearna Iosa a chuimhneachadh, mar a thubhairt e, Tha e nas beannaichte nì a thoirt na a ghabhail.

Oir is aithne dhuibh gràs ar Tighearna Iosa Crìosd, ged a bha e saoibhir, gidheadh gun do rinneadh bochd e air ur son-se, a‑chum gum biodh sibhse saoibhir tre a bhochdainn-san.

An tì a ghoid, na goideadh e nas mò: ach gum b’fheàrr leis saothair a dhèanamh, ag obrachadh an nì a tha math le a làmhan, a‑chum gum bi aige nì ri phàirteachadh ris an neach air a bheil uireasbhaidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan