Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 6:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ris an tì a bhuaileas thu air aon ghiall, cùm an giall eile; agus don tì a bheir d’fhallaing dhìot, na bac do chòta mar an ceudna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Mephiboset ris an rìgh, Is eadh, gabhadh e an t‑iomlan, o thàinig mo thighearna an rìgh a‑rìs ann an sìth da thaigh fhèin.

An sin chaidh Sedeciah mac Chenaanah am fagas, agus bhuail e Micaiah air a’ ghiall, agus thubhairt e, Cia an taobh a chaidh spiorad an Tighearna uamsa a labhairt riutsa?

Thug mi mo dhruim don luchd-bualaidh, agus mo ghiallan dhaibhsan a spìon am fìonna; cha d’fhalaich mi mo ghnùis o nàire agus o shile.

Bheir e a ghiall don tì a bhuaileas e; bidh e air a lìonadh làn de mhasladh.

A‑nis cruinnich thu fhèin ann am buidhnean, O nighean bhuidhnean: chuartaich iad le feachd sinn; bhuail iad le slait air a’ ghiall britheamh Israeil.

An sin thilg iad smugaid na aodann, agus bhuail iad lem basan e; agus ghabh cuid eile air le slatan,

Agus nuair a dh’fhalaich iad a shùilean, bhuail iad e anns an aghaidh, agus dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, Dèan fàidheadaireachd cò e a bhuail thu.

Thoir do gach neach a dh’iarras ort; agus on neach a bheir uat do mhaoin, na iarr air ais i.

Agus nuair a thubhairt e na nithean seo, bhuail aon de na maoir, a bha na sheasamh an làthair, a bhas air Iosa, ag ràdh, An ann mar seo a fhreagras tu an t‑àrd-shagart?

Agus dh’àithn an t‑àrd-shagart Ananias dhaibhsan, a bha nan seasamh làimh ris, a bhualadh air a’ bheul.

Gus an uair seo fhèin, tha sinn araon acrach, agus ìotmhor, agus lomnochd, agus air ar bualadh le dùirn, agus gun aon àite-còmhnaidh seasmhach againn:

A‑nis uime sin tha gu cinnteach lochd nur measg, do bhrìgh gu bheil sibh a’ dol gu lagh ri chèile: carson nach fheàrr leibh eucoir fhulang? Carson nach fheàrr leibh calldach a ghabhail?

Oir fuilingidh sibh ma bheir neach an daorsa sibh, ma dh’itheas neach sibh, ma bheir neach ur cuid dhibh, ma dh’òrdaicheas neach e fhèin, ma bhuaileas neach air an aghaidh sibh.

Oir bha co‑fhulangas agaibh riumsa ann am ghèimhlean, agus ghabh sibh le luathghair ri creachadh ur maoin, air dhuibh fios a bhith agaibh annaibh fhèin gu bheil agaibh air nèamh maoin as fheàrr, agus a tha maireannach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan