Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 6:28

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Beannaichibh iadsan a tha gur mallachadh, agus dèanaibh ùrnaigh airson na muinntir a tha a’ buntainn gu naimhdeil ribh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair an rìgh, agus thubhairt e ris an duine le Dia, Aslaich a‑nis gnùis an Tighearna do Dhia, agus dèan ùrnaigh air mo shon, a‑chum gun aisigear mo làmh dhomh a‑rìs. Agus dh’aslaich an duine le Dia gnùis an Tighearna, agus dh’aisigeadh làmh an rìgh dha a‑rìs, agus bha i mar air tùs.

Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun do bhuin na Philistich gu dìoghaltach, agus gun do rinn iad dìoghaltas le cridhe aingidh gu milleadh, airson an t‑seann naimhdeis;

Air an adhbhar sin mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Gu deimhinn ann an teine m’eud labhair mi an aghaidh fuidheall nan cinneach, agus an aghaidh Idumèa uile, a ghabh mo dhùthaich-sa gu bhith na seilbh dhaibh, le gàirdeachas an uile chridhe, le inntinn aingidh, ga toirt thairis mar chreich.

Ach tha mise ag ràdh ribh, Biodh gràdh agaibh dur naimhdean, beannaichibh an dream a mhallaicheas sibh, dèanaibh math do na daoine air am beag sibh, agus dèanaibh ùrnaigh airson na muinntir a tha a’ buntainn ribh gu naimhdeil, agus a tha gur geur-leanmhainn:

An sin thubhairt Iosa, Athair, maith dhaibh, oir chan eil fhios aca ciod a tha iad a’ dèanamh. Agus roinn iad a aodach, agus thilg iad croinn air.

Ach tha mi ag ràdh ribhse a tha ag èisdeachd, Gràdhaichibh ur naimhdean, dèanaibh math dhaibhsan lem fuathach sibh;

Ach gràdhaichibh-se ur naimhdean, agus dèanaibh math, agus thugaibh iasad, gun dùil a bhith agaibh ri nì sam bith na èirig: agus bidh ur duais mòr, agus bidh sibh nur cloinn don Tì as àirde: oir tha esan toirbheartach dhaibhsan a tha mì‑thaingeil agus olc.

Agus nuair a thugadh ionnsaigh araon leis na Cinnich, agus mar an ceudna leis na h‑Iùdhaich, maille rin uachdarain, a‑chum iadsan a mhaslachadh agus a chlachadh;

Agus air dha e fhèin a leigeadh air a ghlùinean, ghlaodh e le guth mòr, A Thighearna, na cuir am peacadh seo as an leth. Agus air dha seo a ràdh, chaidil e.

Beannaichibh an dream a tha a’ dèanamh geur-leanmhainn oirbh: beannaichibh, agus na mallaichibh.

Agus ri saothair, ag obrachadh le ar làmhan fhèin: air fulang ana-cainnt dhuinn, tha sinn a’ beannachadh: nuair a gheur-leanar sinn tha sinn ga fhulang:

As an aon bheul tha beannachadh agus mallachadh a’ teachd a‑mach. Mo bhràithrean, cha chòir do na nithean seo a bhith mar seo.

Na h‑ìocaibh olc airson uilc, no càineadh airson càinidh: ach na aghaidh sin, beannaichibh; air dhuibh fios a bhith agaibh gur ann a dh’ionnsaigh seo a ghairmeadh sibh, a‑chum gun sealbhaicheadh sibh beannachadh mar oighreachd:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan