Air eagal gum bi mi làn, agus gun àich mi thu, agus gun abair mi, Cò e an Tighearna? No gum bi mi bochd, agus gun goid mi, agus gun toir mi ainm mo Dhè ann an dìomhanas.
Ach chaidh iadsan fòs a thaobh le fìon, agus le dibh làidir chaidh iad air seachran; chaidh an sagart agus am fàidh a thaobh le dibh làidir, shluigeadh suas iad le fìon, chaidh iad air seachran le dibh làidir; chaidh iad am mearachd ann an sealladh, thuislich iad ann am breitheanas.
Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Feuch, ithidh m’òglaich-sa, ach bidh acras oirbhse; feuch, òlaidh m’òglaich-sa, ach bidh tart oirbhse; feuch, nì m’òglaich-sa gàirdeachas, ach bidh nàire oirbhse:
Agus siùbhlaidh gach aon da thrìd, ann an teinn agus ann an gorta; agus tàrlaidh, nuair a bhios e ann an gorta, gum bi corraich air ris fhèin, agus mallaichidh e a rìgh agus a Dhia, agus e a’ sealltainn suas.
Agus bheir e teum air an làimh dheis, agus gidheadh bidh e acrach; agus ithidh e suas air an làimh chlì, agus cha bhi iad sàsaichte; ithidh gach duine feòil a ghàirdein fhèin.
Agus tionndaidhidh mi ur fèillean gu bròn, agus ur n‑òrain uile gu tuireadh; agus bheir mi air na h‑uile leasraidh aodach-saic, agus air gach aon cheann maoile, agus nì mi e mar chumha airson aon mhic, agus a chrìoch mar là searbh.
An sin bidh gul agus gìosgan fhiacal, nuair a chì sibh Abrahàm, agus Isaac, agus Iàcob, agus na fàidhean uile ann an rìoghachd Dhè, agus sibh fhèin air ur tilgeadh a‑mach.
Do bhrìgh gu bheil thu ag ràdh, Tha mi beartach, agus air fàs ann an saoibhreas, agus gun fheum agam air nì sam bith; agus gun fhios agad gu bheil thu dòrainneach, agus truagh, agus bochd, agus dall, agus lomnochd:
Iadsan a bha làn, airson arain thuarasdalaich iad iad fhèin; agus iadsan a bha acrach, sguir iad de bhith mar sin: ise a bha roimhe neo-thorrach, rug i seachdnar; agus ise aig an robh mòran cloinne, dh’fhàs i fann.