Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 6:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach is an‑aoibhinn dhuibhse a tha saoibhir: oir fhuair sibh ur sòlas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Oir marbhaidh claonadh nan daoine baoghalta iad, agus sgriosaidh soirbheachadh nan amadan iad fhèin.

Bidh glòir an taighe deireannaich seo nas mò na glòir a’ chiad thaighe, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh; agus anns an àite seo bheir mise sìth, deir Tighearna nan sluagh.

Agus nuair a nì sibh trasgadh, na biodh gruaim air ur gnùis, mar luchd an fhuar-chràbhaidh: oir cuiridh iadsan mì‑dhreach air an aghaidh a‑chum gum faicear le daoine iad a bhith a’ trasgadh. Tha mi ag ràdh ribh gu fìrinneach gu bheil an tuarasdal aca.

Uime sin, nuair a bheir thu do dhèirc, na toir fa‑near gall-tromp a shèideadh romhad, mar a nì na cealgairean anns na sionagogan agus anns na sràidean, a‑chum gum faigh iad glòir o dhaoine. Gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gu bheil an tuarasdal aca.

Agus nuair a nì thu ùrnaigh, na bi mar luchd an fhuar-chràbhaidh: oir is ionmhainn leo ùrnaigh a dhèanamh anns na sionagogan, agus ann an coinneachadh nan sràid nan seasamh, a‑chum gum faicear le daoine iad. Gu deimhinn tha mise ag ràdh ribh gu bheil an tuarasdal aca.

Is an‑aoibhinn dhuibhse a tha sàthach: oir bidh acras oirbh. Is an‑aoibhinn dhuibhse a tha a’ gàireachdaich a‑nis: oir nì sibh bròn agus gul.

Thoir àithne do na daoine a tha saoibhir anns an t‑saoghal seo gun iad a bhith àrd-inntinneach, agus gun dòchas a chur ann an saoibhreas neo-chinnteach, ach anns an Dia bheò, a tha a’ toirt dhuinn nan uile nithean gu saoibhir rim mealtainn:

Ach thug sibhse masladh don bhochd. Nach eil na daoine saoibhir ri aintighearnas oirbh, agus gur tarraing gu cathraichean-breitheanais?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan