Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 6:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is beannaichte sibh, nuair a bheir daoine fuath dhuibh, agus a chuireas iad as an cuideachd sibh, agus a bheir iad cainnt mhaslach dhuibh, agus a thilgeas iad a‑mach ur n‑ainm mar olc, airson Mac an Duine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

29 Iomraidhean Croise  

A tha ag ràdh, Fan agad fhèin, na tig am fagas dhòmhsa; oir is mise as naoimhe na thusa. Tha iad seo nan deataich ann am shròin, nan teine a tha a’ losgadh rè an là uile.

Cluinnibh-se facal an Tighearna, sibhse a tha a’ criothnachadh ro a fhacal; ur bràithrean a tha a’ toirt fuath dhuibh, a thilg a‑mach sibh air sgàth m’ainme-sa, their iad, Biodh an Tighearna air a ghlòrachadh; ach foillsichear e a‑chum aoibhneis dhuibhse, agus cuirear iadsan gu amhluadh.

Agus bheirear sibh an làthair uachdaran agus rìghrean air mo sgàth-sa, mar fhianais dhaibhsan agus do na Cinnich.

Agus bidh fuath aig na h‑uile dhaoine dhuibh airson m’ainme-sa: ach, ge bè a bhuanaicheas gus a’ chrìoch, is e seo a thèarnar.

An tì a gheibh a anam, caillidh e e: ach an tì a chailleas a anam air mo shon-sa, gheibh e e.

Agus thilg iad a‑mach as an fhìonlios e, agus mharbh iad e. Ciod uime sin a nì tighearna an fhìonlios riu?

Agus bidh fuath aig na h‑uile dhaoine dhuibh airson m’ainme-sa.

Is beannaichte sibhse a tha acrach a‑nis; oir sàsaichear sibh. Is beannaichte sibhse a tha a’ caoidh a‑nis: oir gàiridh sibh.

Gidheadh chreid mòran de na h‑Uachdarain fhèin ann: ach airson nam Pharasach cha d’aidich iad e, air eagal gun cuirte a‑mach as an t‑sionagog iad.

Cuiridh iad as an t‑sionagog sibh: seadh, thig an uair, ge bè neach a mharbhas sibh, gun saoil e gu bheil e a’ dèanamh seirbhis do Dhia.

Thug mi d’fhacal dhaibh; agus thug an saoghal fuath dhaibh, airson nach ann den t‑saoghal iad, mar nach eil mise den t‑saoghal.

Chan eil e an comas don t‑saoghal sibhse fhuathachadh; ach fuathaichidh e mise, do bhrìgh gu bheil mi a’ toirt fianais ma thimcheall, gu bheil a obraichean olc.

Fhreagair iadsan agus thubhairt iad ris, Rugadh thusa uile ann am peacaidhean, agus a bheil thu gar teagasg-ne? Agus thilg iad a‑mach e.

Agus dh’èisd iad ris gus am facal seo, agus thog iad an sin an guth gu h‑àrd, ag ràdh, Beir on talamh a leithid seo de dhuine; oir cha chòir e a bhith beò.

Oir fhuair sinn am fear seo na phlàigh, agus a’ dùsgadh nan Iùdhach uile gu ceannairc air feadh an domhain, agus na cheann-feadhna do luchd saobh-chreideamh nan Nàsarènach.

Oir nochdaidh mise dha cia mòr na nithean as èiginn dha fhulang air sgàth m’ainme-sa.

Is beannaichte an duine a ghiùlaineas buaireadh: oir nuair a dhearbhar e, gheibh e crùn na beatha, a gheall an Tighearna don dream a ghràdhaicheas e.

Ach eadhon ma dh’fhuilingeas sibh air sgàth fìreantachd, is sona sibh: agus na biodh fiamh an eagail-san oirbh, agus na bithibh mì‑shuaimhneach;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan