Oir na nithean seo uile rinn mo làmh, agus na nithean seo uile is leamsa, deir an Tighearna; ach air an fhear seo amhaircidh mi, eadhon airsan a tha bochd agus leònte na spiorad, agus a chriothnaicheas rom fhacal.
Tha na doill a’ faotainn am fradhairc, agus na bacaich ag imeachd, tha na lobhair air an glanadh, agus na bodhair a’ cluinntinn, tha na mairbh air an dùsgadh, agus an soisgeul air a shearmonachadh do na bochdan.
An sin their an Rìgh riùsan air a dheis, Thigibh, a dhaoine beannaichte m’Athar-sa, sealbhaichibh mar oighreachd an rìoghachd a tha air a deasachadh dhuibh o leagadh bunaitean an domhain:
An sin bidh gul agus gìosgan fhiacal, nuair a chì sibh Abrahàm, agus Isaac, agus Iàcob, agus na fàidhean uile ann an rìoghachd Dhè, agus sibh fhèin air ur tilgeadh a‑mach.
Agus nuair a chuala aon de na shuidh maille ris air bòrd na nithean sin, thubhairt e ris, Is beannaichte an tì sin a dh’itheas aran ann an rìoghachd Dhè.
Ach thubhairt Abrahàm, A mhic, cuimhnich gun d’fhuair thusa do nithean matha ri àm dhut a bhith beò, agus Làsaras mar an ceudna droch nithean; ach a‑nis tha esan a’ faotainn sòlais, agus tha thusa air do phianadh.
Tha Spiorad an Tighearna orm, do bhrìgh gun d’ung e mi a shearmonachadh an t‑soisgeil do na bochdan; chuir e mi a shlànachadh na muinntir aig a bheil an cridhe briste, a ghairm fuasglaidh do na braighdean, agus aiseag am fradhairc do na doill, a thoirt saorsa don mhuinntir a tha brùite,
A’ neartachadh anaman nan deisciobal, agus ag earalachadh orra buanachadh anns a’ chreideamh, agus a’ teagasg gur ann tre iomadh àmhghar as èiginn dhuinn dol a‑steach do rìoghachd Dhè.
Mar dhream a tha brònach, gidheadh a‑ghnàth a’ dèanamh gàirdeachais; mar dhaoine bochda, gidheadh a tha a’ dèanamh mòran saoibhir; mar dhaoine aig nach eil nì sam bith, gidheadh a’ sealbhachadh nan uile nithean.
Oir is aithne dhuibh gràs ar Tighearna Iosa Crìosd, ged a bha e saoibhir, gidheadh gun do rinneadh bochd e air ur son-se, a‑chum gum biodh sibhse saoibhir tre a bhochdainn-san.
Agus rinneadh sibh nur luchd-leanmhainn oirnne, agus air an Tighearna, nuair a ghabh sibh ris an fhacal ann am mòr-àmhghar, le aoibhneas an Spioraid Naoimh:
Eisdibh, mo bhràithrean gràdhach, nach do thagh Dia bochdan an t‑saoghail seo saoibhir ann an creideamh, agus nan oighreachan air an rìoghachd, a gheall e dhaibhsan a ghràdhaicheas e?
Is aithne dhomh d’obraichean, agus d’àmhghar, agus do bhochdainn (gidheadh, tha thu beartach), agus is aithne dhomh toibheum na muinntir a their gur Iùdhaich iad fhèin, agus nach eadh, ach sionagog Shàtain.
Togaidh e am bochd on duslach: on òtrach togaidh e suas am feumach, gan cur nan suidhe maille ri uachdarain, agus a thoirt orra cathair glòire a shealbhachadh; oir is leis an Tighearna bunaitean na talmhainn, agus shuidhich e an domhan orra.