Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 6:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt cuid de na Pharasaich riu, Carson a tha sibh a’ dèanamh an nì nach eil ceadaichte ri dhèanamh air làithean na sàbaid?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Ma bheir duine da choimhearsnach asal, no damh, no caora, no ainmhidh sam bith ga ghleidheadh, agus gum faigh e bàs, no gun ciùrrar e, no gun iomainear air falbh e, gun neach air bith ga fhaicinn;

Sia làithean faodar obair a dhèanamh, ach anns an t‑seachdamh tha sàbaid fhois, naomh don Tighearna: gach neach a nì obair air là na sàbaid, cuirear gu cinnteach gu bàs e.

Sia làithean nìthear obair, ach bidh an seachdamh là dhuibh na là naomh, na shàbaid thàimh don Tighearna: ge bè neach a nì obair air, cuirear gu bàs e.

Ma thilleas tu air falbh do chas on t‑sàbaid, o do thoil fhèin a dhèanamh air mo là naomh-sa; agus gun abair thu ris an t‑sàbaid, Toil-inntinn; ri là naomh an Tighearna, Urramach; agus gun tabhair thu onoir dhi, gun a bhith a’ leantainn do shlighean fhèin, no a’ gabhail do shòlais fhèin, no a’ labhairt do bhriathran fhèin;

Ach nuair a chunnaic na Pharasaich seo, thubhairt iad ris, Feuch, tha do dheisciobail a’ dèanamh an nì nach còir a dhèanamh air là na sàbaid.

Carson a tha do dheisciobail a’ dol an aghaidh gnàth nan sinnsear? Oir chan ionnlaid iad an làmhan nuair a dh’itheas iad aran.

Agus thubhairt na Pharasaich ris, Feuch, carson a tha iad a’ dèanamh an nì nach eil ceadaichte air là na sàbaid?

Agus thubhairt iadsan ris, Carson a tha deisciobail Eòin gu tric ri trasgadh, agus a’ dèanamh ùrnaigh, agus mar an ceudna deisciobail nam Pharasach; ach tha do dheisciobail-sa ag ithe agus ag òl?

Agus air a shon seo rinn na h‑Iùdhaich geur-leanmhainn air Iosa, agus dh’iarr iad a mharbhadh, do bhrìgh gun do rinn e na nithean seo air an t‑sàbaid.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan