Agus, feuch, thàinig bean de mhuinntir Chanàain o na crìochan sin, agus ghlaodh i ris, ag ràdh, Dèan tròcair orm, a Thighearna, a Mhic Dhaibhidh; tha mo nighean air a buaireadh gu truagh le deamhan.
A Thighearna, dèan tròcair air mo mhac, oir tha e gu tinn leis an tuiteamaich, agus is mòr an cràdh a tha e a’ fulang: oir tha e gu minig a’ tuiteam anns an teine, agus gu minig anns an uisge.
Agus thàinig e a‑nuas leo, agus sheas e air ionad còmhnard, agus coitheanal a dheisciobal, agus buidheann mhòr-shluaigh o Iudèa uile agus o Ierusalem, agus o chois fairge Thìruis agus Shìdoin, muinntir a thàinig ga èisdeachd, agus gu bhith air an leigheas on easlaintean;
Agus thàinig mar an ceudna mòr-shluagh as na bailtean mun cuairt air Ierusalem a’ toirt leo muinntir easlain, agus dream a bha air an cràdh le spioradan neòghlan: agus lèighseadh iad uile.