Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 6:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig e a‑nuas leo, agus sheas e air ionad còmhnard, agus coitheanal a dheisciobal, agus buidheann mhòr-shluaigh o Iudèa uile agus o Ierusalem, agus o chois fairge Thìruis agus Shìdoin, muinntir a thàinig ga èisdeachd, agus gu bhith air an leigheas on easlaintean;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Is e a mhaitheas dhut do pheacaidhean gu lèir, a shlànaicheas d’easlaintean uile;

Is an‑aoibhinn dhut, a Chorasin; is an‑aoibhinn dhut, a Bhetsaida: oir nan robh na h‑obraichean cumhachdach a rinneadh annaibhse air an dèanamh ann an Tìrus agus ann an Sìdon, is fada on a rinn iad aithreachas ann an sac-aodach agus an luaithre.

Ach nuair a thuig Iosa seo, dh’imich e as a sin: agus lean slòigh mhòra e, agus leighis e iad uile.

Agus air dol a‑mach do Iosa, chunnaic e coitheanal mòr, agus ghabh e truas mòr dhiubh, agus shlànaich e an dream aca a bha easlan.

Agus air dol do Iosa as a sin, chaidh e gu crìochan Thìruis agus Shìdoin.

Agus nuair a chunnaic Iosa an sluagh, chaidh e suas air beinn; agus air suidhe dha, thàinig a dheisciobail da ionnsaigh.

Ach bu mhò a sgaoileadh a iomradh-san: agus thàinig sluagh mòr an ceann a chèile a‑chum èisdeachd, agus a bhith air an slànachadh leis on eucailean.

Agus anns na làithean sin chaidh esan gu beinn a dhèanamh ùrnaigh, agus bhuanaich e rè na h‑oidhche ann an ùrnaigh ri Dia.

Iùdas bràthair Sheumais, agus Iùdas Iscariot, esan a bha na fhear-brathaidh.

Agus iadsan a bha air am pianadh le spioradan neòghlan: agus lèighseadh iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan