Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 6:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Iùdas bràthair Sheumais, agus Iùdas Iscariot, esan a bha na fhear-brathaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Philip agus Bartolemèus, Tòmas, agus Mata an cìs-mhaor, Seumas mac Alphèuis, agus Lebèus don co‑ainm Tadèus;

Agus Anndras, agus Philip, agus Bartolomèus, agus Mata, agus Tòmas, agus Seumas, mac Alphèuis, agus Tadèus, agus Sìmon an Canàanach,

Mata agus Tòmas, Seumas mac Alphèuis, agus Sìmon den goirear Selotes,

Agus thàinig e a‑nuas leo, agus sheas e air ionad còmhnard, agus coitheanal a dheisciobal, agus buidheann mhòr-shluaigh o Iudèa uile agus o Ierusalem, agus o chois fairge Thìruis agus Shìdoin, muinntir a thàinig ga èisdeachd, agus gu bhith air an leigheas on easlaintean;

Thubhairt Iùdas (chan e Iscariot) ris, A Thighearna, carson a dh’fhoillsicheas tu thu fhèin dhuinne, agus nach dèan thu sin don t‑saoghal?

A ghabhail cuibhrinn den fhrithealadh agus den abstolachd seo, on do thuit Iùdas le seachran, gu dol da àite fhèin.

Iùdas, seirbhiseach Iosa Crìosd, agus bràthair Sheumais, a‑chum an dream a tha air an naomhachadh le Dia an t‑Athair, agus air an coimhead le Iosa Crìosd, air an gairm:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan