Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 6:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mata agus Tòmas, Seumas mac Alphèuis, agus Sìmon den goirear Selotes,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus a’ dol do Iosa as an àite sin, chunnaic e duine na shuidhe aig bòrd na cìse, dom b’ainm Mata; agus thubhairt e ris, Lean mise. Agus dh’èirich e, agus lean e e.

Agus a’ dol seachad dha, chunnaic e Lèbhi mac Alphèuis na shuidhe aig àite-togail na cìse, agus thubhairt e ris, Lean mise. Agus dh’èirich e, agus lean e e.

Agus Anndras, agus Philip, agus Bartolomèus, agus Mata, agus Tòmas, agus Seumas, mac Alphèuis, agus Tadèus, agus Sìmon an Canàanach,

Agus an dèidh nan nithean sin, chaidh e a‑mach, agus chunnaic e cìs-mhaor dom b’ainm Lèbhi na shuidhe aig àite-togail na cìse; agus thubhairt e ris, Lean mise.

Sìmon, air an tug e mar an ceudna Peadar mar ainm, agus Anndras a bhràthair, Seumas agus Eòin, Philip agus Bartolomèus,

Iùdas bràthair Sheumais, agus Iùdas Iscariot, esan a bha na fhear-brathaidh.

An sin thubhairt Tòmas, ris an abrar Didimus, ra cho-dheisciobail, Rachamaid-ne mar an ceudna, a‑chum gum faigh sinn bàs maille ris.

Ach cha robh Tòmas, aon den dà‑fhear-dheug, den goirear Didimus, maille riu, nuair a thàinig Iosa.

Agus nuair a thàinig iad a‑steach, chaidh iad suas do sheòmar uachdarach, far an robh a’ fantainn Peadar, agus Seumas, agus Eòin, agus Anndras, Philip, agus Tòmas, Bartolomèus, agus Mata, Seumas mac Alphèuis, agus Sìmon Selotes, agus Iùdas bràthair Sheumais.

Agus an dèidh dhaibh a bhith nan tosd, fhreagair Seumas, ag ràdh. Fheara agus a bhràithrean, èisdibh riumsa:

Ach neach air bith eile de na h‑abstoil chan fhaca mi, ach Seumas, bràthair an Tighearna.

Agus nuair a thuig Seumas, agus Cèphas, agus Eòin, a tha air am meas nam puist, an gràs a thugadh dhomh, thug iad dhòmhsa agus do Bharnabas deaslàmh a’ chomainn; a‑chum gun rachamaid a‑chum nan Cinneach, agus iad fhèin a‑chum an timcheall-ghearraidh.

Tha Seumas, seirbhiseach Dhè, agus an Tighearna Iosa Crìosd, a’ cur beannachd a‑chum an dà‑threubh-dheug a tha air an sgapadh o chèile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan