Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 6:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Sìmon, air an tug e mar an ceudna Peadar mar ainm, agus Anndras a bhràthair, Seumas agus Eòin, Philip agus Bartolomèus,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus is iad seo ainmean an dà‑abstol-dheug; an ciad fhear, Sìmon den goirear Peadar, agus Anndras a bhràthair, Seumas mac Shebede, agus Eòin a bhràthair;

Philip agus Bartolemèus, Tòmas, agus Mata an cìs-mhaor, Seumas mac Alphèuis, agus Lebèus don co‑ainm Tadèus;

Agus ag imeachd do Iosa ri taobh fairge Ghalile, chunnaic e dithis bhràithrean, Sìmon den goirear Peadar, agus Anndras a bhràthair, a’ tilgeadh lìn anns an fhairge (oir b’iasgairean iad).

Agus air triall dha as a sin, chunnaic e dithis bhràithrean eile, Seumas mac Shebede, agus Eòin a bhràthair, ann an luing maille ra athair Sebede, a’ càradh an lìon: agus ghairm e iad.

Agus nuair a chaidh e beagan air aghaidh as a sin chunnaic e Seumas mac Shebede, agus Eòin a bhràthair, agus iad anns an luing a’ càradh an lìon.

Agus gun dàil, air dhaibh dol a‑mach as an t‑sionagog, chaidh iad a‑steach do thaigh Shìmoin agus Anndrais, maille ri Seumas agus Eòin.

Agus thug e leis Peadar, agus Seumas, agus Eòin, agus thòisich e air a bhith fo uamh-chrith, agus fo anabarr bròin;

Agus air Sìmon thug e Peadar mar cho-ainm;

Agus cha d’fhuiling e do neach air bith a leantainn, ach Peadar, agus Seumas, agus Eòin bràthair Sheumais.

Agus an ceann sia làithean, thug Iosa Peadar, agus Seumas, agus Eòin leis, agus threòraich e iad leo fhèin air leth gu beinn àird: agus dh’atharraicheadh a chruth nam fianais.

Agus mar an ceudna Seumas agus Eòin, mic Shebede, a bha nan companaich aig Sìmon. Agus thubhairt Iosa ri Sìmon, Na biodh eagal ort; à seo suas glacaidh tu daoine.

Nuair a chunnaic Sìmon Peadar seo thuit e sìos aig glùinean Iosa, ag ràdh, Imich uamsa, a Thighearna, oir is duine peacach mi.

Agus air teachd don là, ghairm e da ionnsaigh a dheisciobail; agus thagh e dà‑fhear-dheug asda, den do ghairm e Abstoil:

Mata agus Tòmas, Seumas mac Alphèuis, agus Sìmon den goirear Selotes,

Fhuair Philip Natànael, agus thubhairt e ris, Fhuair sinne an tì mun do sgrìobh Maois anns an lagh, agus na fàidhean, Iosa o Nàsaret, mac Iòseiph.

Thubhairt Philip ris, A Thighearna foillsich an t‑Athair dhuinne, agus is leòr leinn e.

An sin nuair a thog Iosa suas a shùilean, agus a chunnaic e gun tàinig buidheann mhòr shluaigh da ionnsaigh, thubhairt e ri Philip, Cia an t‑àit as an ceannaich sinn aran a‑chum gun ith iad seo?

Thubhairt aon de a dheisciobail, Anndras, bràthair Shìmoin Pheadair, ris,

Agus nuair a thàinig iad a‑steach, chaidh iad suas do sheòmar uachdarach, far an robh a’ fantainn Peadar, agus Seumas, agus Eòin, agus Anndras, Philip, agus Tòmas, Bartolomèus, agus Mata, Seumas mac Alphèuis, agus Sìmon Selotes, agus Iùdas bràthair Sheumais.

Agus mharbh e Seumas bràthair Eòin leis a’ chlaidheamh.

Sìmon Peadar, seirbhiseach agus abstol Iosa Crìosd, dhaibhsan a fhuair an creideamh luachmhor ceudna rinne, tre fhìreantachd ar Dè agus ar Slànaighir, Iosa Crìosd:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan