Agus is iad seo ainmean an dà‑abstol-dheug; an ciad fhear, Sìmon den goirear Peadar, agus Anndras a bhràthair, Seumas mac Shebede, agus Eòin a bhràthair;
Agus thubhairt Iosa riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Sibhse a lean mise, anns an ath-ghineamhain, nuair a shuidheas Mac an Duine air cathair a ghlòire fhèin, gun suidh sibhse mar an ceudna air dà‑chathair-dheug, a’ toirt breith air dà‑threubh-dheug Israeil.
Ach nuair a chunnaic e an sluagh, ghabh e truas dhiubh, airson gu robh iad air fannachadh, agus air an sgapadh o chèile, mar chaoraich aig nach eil buachaille.
Agus ghairm e da ionnsaigh an dà‑fhear-dheug, agus thòisich e air an cur a‑mach dithis agus dithis, agus thug e dhaibh cumhachd air spioradan neòghlan;
Air an adhbhar sin thubhairt gliocas Dhè, Cuiridh mise fàidhean agus abstoil dan ionnsaigh, agus cuid dhiubh marbhaidh iad, agus cuid eile geur-leanaidh iad:
A‑chum gun ith agus gun òl sibh aig mo bhòrd-sa ann am rìoghachd, agus gun suidh sibh air cathraichean rìoghail, a’ toirt breith air dà‑threubh-dheug Israeil.
Agus nuair a thàinig iad a‑steach, chaidh iad suas do sheòmar uachdarach, far an robh a’ fantainn Peadar, agus Seumas, agus Eòin, agus Anndras, Philip, agus Tòmas, Bartolomèus, agus Mata, Seumas mac Alphèuis, agus Sìmon Selotes, agus Iùdas bràthair Sheumais.
Agus thug e dream àraidh gu bhith nan abstoil; dream eile, gu bhith nam fàidhean; agus dream eile, gu bhith nan soisgeulaichean; agus dream eile, gu bhith nan aodhairean, agus nan luchd-teagaisg;
A‑chum gum bi sibh cuimhneachail air na briathran a labhradh roimhe leis na fàidhean naomha, agus air ar n‑àithne-ne, abstoil an Tighearna agus an t‑Slànaighir: