Is olc seo am measg nan uile nithean a nìthear fon ghrèin, gun tachair an t‑aon nì dhaibh uile; agus mar an ceudna gu bheil cridhe clann nan daoine làn uilc, agus gu bheil cuthach nan cridhe am fad agus as beò iad, agus na dhèidh sin gun tèid iad a‑chum nam marbh.
Agus air dha amharc mun cuairt orra uile, thubhairt e ris an duine, Sìn a‑mach do làmh. Agus rinn e sin: agus dh’aisigeadh a làmh slàn dha mar an làmh eile.
An sin chruinnich na h‑àrd-shagartan agus na Pharasaich comhairle, agus thubhairt iad, Ciod tha sinn a’ dèanamh? Oir tha an duine seo a’ dèanamh mòran mhìorbhailean.
Agus an dèidh nan nithean sin, bha Iosa ag imeachd mun cuairt ann an Galile: oir cha b’àill leis a bhith ag imeachd ann an Iudèa, a chionn gu robh na h‑Iùdhaich ag iarraidh a mharbhadh.
Agus a’ dèanamh peanais orra gu minig anns gach sionagog, cho-èignich mi iad gu toibheum a labhairt; agus air dhomh a bhith gu ro‑mhòr air bhoile nan aghaidh, rinn mi geur-leanmhainn orra, eadhon gu bailtean coigreach.