Agus thubhairt i ri Eliah, Ciod e mo ghnothach-sa riut, a dhuine le Dia? An tàinig thu am ionnsaigh a chur mo pheacaidh an cuimhne, agus a mharbhadh mo mhic?
Agus thubhairt mi, Mo thruaighe mise! Oir chaidh as dhomh; oir is duine mi aig a bheil bilean neòghlan, agus am measg sluaigh aig a bheil bilean neòghlan tha mi am chòmhnaidh; oir chunnaic mo shùilean an Rìgh, Tighearna nan sluagh.
Agus air dol a‑steach dhaibh don taigh, fhuair iad an naoidhean maille ra mhàthair Muire, agus thuit iad sìos, agus rinn iad adhradh dha: agus air fosgladh an ionmhas dhaibh, thug iad dha tìodhlacan; òr, agus tùis, agus mirr.
Agus air freagairt don cheannard-ceud, thubhairt e, A Thighearna, chan airidh mise air thusa a theachd a‑steach fom chlèith: ach a‑mhàin abair am facal, agus slànaichear m’òglach.
Agus smèid iad air an companaich, a bha anns an luing eile, teachd agus còmhnadh a dhèanamh leo. Agus thàinig iad, agus lìon iad an dà luing, ionnas gu robh iad an inbhe dol fodha.
An sin nuair a thàinig Muire don àite anns an robh Iosa, agus a chunnaic i e, thuit i aig a chasan, ag ràdh ris, A Thighearna, nam biodh tusa an seo, chan fhaigheadh mo bhràthair bàs.
Oir tha sinn a’ faicinn anns an àm seo gu dorcha tre ghloine; ach an sin chì sinn aghaidh ri aghaidh: anns an àm seo is aithne dhomh ann an cuid; ach an sin aithnichidh mi eadhon mar tha aithne orm.
Agus nuair a chunnaic mi e, thuit mi sìos aig a chasan an riochd mairbh: agus chuir e a làmh dheas orm, ag ràdh rium, Na biodh eagal ort: is mise an ciad neach agus an neach deireannach.