Agus smèid iad air an companaich, a bha anns an luing eile, teachd agus còmhnadh a dhèanamh leo. Agus thàinig iad, agus lìon iad an dà luing, ionnas gu robh iad an inbhe dol fodha.
Ma chì thu asal duine aig a bheil fuath dhut a’ laighe fo a h‑eallaich, agus gun smaoinich thu air fantainn o chòmhnadh a dhèanamh rithe, nì thu gu cinnteach còmhnadh rithe.
Agus tha mi ag iarraidh ortsa mar an ceudna, a chompanaich dhìleis, dèan còmhnadh ris na mnathan sin a rinn saothair maille riumsa anns an t‑soisgeul, maille ri Clemens, agus a’ chuid eile dem cho-obraichean, aig a bheil an ainmean ann an leabhar na beatha.