Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 5:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a rinn iad seo, chuartaich iad tacar mòr èisg, ionnas gun do bhriseadh an lìon.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Anns a’ mhadainn cuir do shìol, agus anns an fheasgar na toir air do làmh sgur; oir chan eil fhios agad cia dhiubh as fheàrr a shoirbhicheas, seo no siud, no am bi iad le chèile cho math.

Agus smèid iad air an companaich, a bha anns an luing eile, teachd agus còmhnadh a dhèanamh leo. Agus thàinig iad, agus lìon iad an dà luing, ionnas gu robh iad an inbhe dol fodha.

An sin bhaisteadh iadsan a ghabh ra fhacal gu toileach: agus air an là sin fhèin chuireadh riu timcheall trì mìle anam.

Gidheadh chreid mòran dhiubh-san a chuala am facal: agus b’e àireamh nan daoine timcheall còig mìle.

Uime sin, mo bhràithrean gràdhach, bithibh-se daingeann, neo-ghluasadach, a’ sìor mheudachadh ann an obair an Tighearna, air dhuibh fios a bhith agaibh nach eil ur saothair dìomhain anns an Tighearna.

Agus na sgìthicheamaid de mhath a dhèanamh: oir ann an àm iomchaidh buainidh sinn, mura fannaich sinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan