Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 5:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhreagair Sìmon, agus thubhairt e ris, A Mhaighistir, shaothraich sinn feadh na h‑oidhche uile, agus cha do ghlac sinn nì sam bith: ach air d’fhacal-sa leigidh mi sìos an lìon.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus tàrlaidh gun seas na h‑iasgairean oirre, o Engedi gu ruig Eneglaim; bidh iad nan ionad a sgaoileadh a‑mach lìon, bidh an iasg a rèir an seòrsa, mar iasg na fairge mòire, ro‑lìonmhor.

Agus thog iad suas an guth, ag ràdh, Iosa, a Mhaighistir, dèan tròcair oirnn.

Agus thàinig iad da ionnsaigh, agus dhùisg iad e, ag ràdh, A Mhaighistir, a Mhaighistir, tha sinn caillte! An sin dh’èirich esan, agus chronaich e a’ ghaoth, agus onfhadh an uisge: agus sguir iad, agus thàinig fiath ann.

Agus thubhairt Iosa, Cò a bhean rium? Air àicheadh do na h‑uile, thubhairt Peadar ris, agus iadsan a bha maille ris, A Mhaighistir, tha an sluagh gad dhùmhlachadh agus gad theannadh, agus an abair thu, Cò a bhean rium?

Agus nuair a bha iadsan a’ dealachadh ris, thubhairt Peadar ri Iosa, A Mhaighistir, is math dhuinne a bhith an seo; agus dèanamaid trì pàilleanan, aon dhutsa, agus aon do Mhaois, agus aon do Elias; gun fhios aige ciod a bha e ag ràdh.

Agus fhreagair Eòin, agus thubhairt e, A Mhaighistir, chunnaic sinne duine àraidh a’ tilgeadh a‑mach dheamhan ad ainm-sa; agus bhac sinn e, a chionn nach eil e gar leantainn-ne.

Is sibhse mo chàirdean-sa, ma nì sibh gach nì a tha mi ag àithneadh dhuibh.

Thubhairt a mhàthair ris an luchd-frithealaidh, Ge bè nì a their e ribh, dèanaibh e.

Thubhairt Sìmon Peadar riu, Tha mise a’ dol a dh’iasgach. Thubhairt iadsan ris, Tha sinne a’ dol maille riut. Dh’imich iad a‑mach, agus chaidh iad a‑steach do luing air ball; agus cha do ghlac iad nì air bith an oidhche sin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan